'S e loch mara ann an Cnapadal faisg air Ceann Loch Gilb a tha ann an Loch Suain (Beurla: Loch Sween).

Loch Suain

Seòrsa Loch mara
Sruth a-steach Caol Sgotnais, Loch a' Bhealaich
Suidheachadh
Loch Suain is located in Alba
Loch Suain
Loch Suain (Alba)

Tha Taigh a' Bhealaich air taobh a tuath Loch Suain, Caisteal Suain air taobh a deas, agus tha eileanan, mar eisimpleir Danna is na h-Eileanan MhicCarmaig, san loch seo.

Tha e na roinn dìon mara a-nis.[1] Tha grunn mhaerl, feamainn coirealach, a' fàs ann an Caol Sgotnais agus ann an Taighnis, far a bheil Linne Mhuirich a' sruthadh chun Loch Suain.

Iomraidhean deasaich

  1. Dualchas Nàdair na h-Alba: Loch Suain: Roinn Dìon Mara. Air a tharraing 28 an Giblean 2016.