'S e beinn ainmeil a tha ann am Beinn Dòbhrain (Beurla: Beinn Dorain). Tha e faisg air Drochaid Urchaidh anns na beanntan Earra-Ghaidheal. Tha i 1,076 m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann.

Beinn Dòbhrain

Beinn Dòbhrain, sealladh bhon taobh a deas
Àirde (m) 1,076 m
Àirde (tr) 3,530 tr
Àirde rinneach (m) 332 m (1,089 tr)
Màthair-mhullaich Beinn a' Chreachain
air liosta Beinn Rothaich, Marilyn
Suidheachadh
Beinn Dòbhrain is located in Alba
Beinn Dòbhrain
Beinn Dòbhrain (Alba)
Suidheachadh Earra-Ghaidheal agus Bòd, Alba
Sreath bheanntan Am Monadh
Mapa cumadh-tìre Landranger 50; Explorer 377E
Comharradh-clèithe NN325378

Sgrìobh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir an dàn na b' ainmeile aige mu Bheinn Dòbhrain:

"Moladh Beinn Dòbhrain"

An t-urram thar gach beinn
Aig Beinn Dòbhrain;
De na chunnaic mi fon ghrèin,
'S i bu bhòidhche leam…

Tha an teacsa slàn ri fhaighinn air loidhne ann an leabhar a chruinnich trì òrain a chaidh a sgrìobhadh san 17mh is 18mh linn[1]: Luinneag Mhic Leòid le Màiri nighean Alasdair Ruaidh, Birlinn Chlann Raghnaill le Alasdair mac Mhaighstir Alasdair agus Moladh Beinn Dòbhrain le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir fhèin.

  1. Macleod, Angus (1933): Sar orain: three Gaelic poems. Glaschu: An Comunn Gàidhealach, td. 143-162. Air a thogail 13mh dhen Ghearran 2021.