'S e buidheann de eileanan san àird an iar-thuath na h-Alba a tha anns na h-Eileanan a-staigh. Tha an cuid as motha dhiubh nam pàirt den Chomhairle Earra-Ghaidheal agus Bòd, ged a tha an t-Eilean Sgitheanach agus na h-eileanan beaga a tha timcheall air ceangailte le Comhairle a’ Ghàidhealtachd.

Na h-Eileanan a-staigh (dearg)

Tha roinn na turasachd gu math làidir air na h-eileanan. Tha na h-Eileanan a-staigh ainmeil cuideachd airson uisge-beatha, m.e.: Laphroaig neo Talisker. Tha mòran taighean–stail ann, gu h-àraidh air Ìle.

Na deich eileanan as motha

deasaich
Ainm Farsaingeachd (km2) Muinntir an àite (2001) An t-àite as àirde (meatair)
an t-Eilean Sgitheanach 1.385/1.656,3 9.282 993
Muile 875,4 2.667 966
Ìle 619,6 3.457 491
Diùra 366,9 188 785
Rùm 104,6 22 812
Tiriodh 78,3 770 141
Colla 76,9 164 104
Colbhasa 40,7 108 143
Eige 30,5 67 393
Lios Mòr 23,5 146 127

a-rèir dè na tùsan a chleachdar

Sa Tuath

deasaich

Tha na h-Eileanan a-staigh a Tuath a’ gabhail a-steach an t-Eilean Sgitheanach, na h-Eileanan Tarsainn agus cuid de na h-eileanan beaga a tha timcheall air an Eilean Sgitheanach. Tha iad nam pàirt den Chomhairle a’ Ghàidhealtachd. Seo cuid den fheadhainn bheaga:

Sa Deas

deasaich

Tha na h-Eileanan a-staigh a Deas a’ gabhail a-steach Muile, Ìle, Diùra, na Slate Islands, na Treshnish Islands agus cuid de na h-eileanan beaga a tha timcheall air Muile. Tha iad nam pàirt den Chomhairle Earra-Ghaidheal agus Bòd. Seo cuid den fheadhainn bheaga: