Is e buidheann riaghaltais fo smachd Riaghaltas na h-Alba a th’ ann an Àrainneachd Eachdraidheil Alba (Beurla: Historic Environment Scotland). Is e a dhreuchd àrainneachd eachdraidheil na rìoghachd a ghlèidheadh agus fiosrachadh mu a dheidhinn a sgaoileadh. Tha còrr is 300 làraichean aige air feadh Alba.

Oifis Àrainneachd Eachdraidheil Alba ann an Dùn Èideann

Eachdraidh na buidhne

deasaich

B’ e Alba Aosmhor (Beurla: Historic Scotland) ainm na buidhne aig an robh cùram nan làraichean eachdraidheil ann an Albainn bho 1991 gu 2015. Ach air 1 an Dàmhair 2015 chaidh Alba Aosmhor agus Coimisean Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil an Alba (Beurla: Royal Commission on the Ancient and Historical Monuments of Scotland, RCAHMS) a chur còmhla fo sgèith an ainm ‘Àrainneachd Eachdraidheil Alba’, a’ leantainn bile thuige sin ann am Pàrlamaid na h-Alba san Ògmhios 2014.

Làraich

deasaich

Na h-Eileanan an Iar

deasaich

Tha sia làraichean aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba anns na h-Eileanan an Iar. Is iad:

Name
Image Notes
Cathair-eaglais Mhachair   Làrach Cruistean Cathair-eaglais Mhachair

Siorrachd Obar Dheathain

deasaich
Name
Image Notes
Clach Brandsbutt   Clach shnaighte Chruithneach
Caisteal Chorr Gairbh   Taigh-tùir on 18mh linn a th' air a chuairteachadh le balla ann an cruth rionnag
Tursachan Chùl Fheàrnalaidh   Tursachan le ochd clachan
Taigh-talmhainn na Cùilt   Trannsa fon talamh a th' air a dheagh ghlèidheadh.
Abaid Dhèir   Tobhtaichean Mainistir Chisteirseach
Taigh Duff   Taigh-mòr Sheòrsach a dheilbh William Adam dhan Iarla Fhìobha
Clachan Snaidhte Dheis   Dà chlach Chruithneach
Tursachan Easter Aquhorthies   Cearcall tursa sìnte a tha mu 4,000 bliadhna a dh'aois
Caisteal Ghleann Buichead   Taigh-tùir
Caisteal Hunndaidh   Togalach-còmhnaidh baraineach na thobhta
Caisteal Cheann Droma   Caisteal on 13mh linn
Eaglais Cheann na Coille   Tobhtaichean de dh'eaglais paraiste on 16mh linn.
Taigh-solais Rubha Cheann Àird agus Taigh-tasgaidh   Caisteal on 16mh linn a chaidh chleachdadh ann an 1787 mar thaigh-solais
Tursachan Loanhead   Tursachan sìnte
Clach na Maighdinn   Leac-croise Chruithneach on 9mh linn
Càrn Memsie   Càrn mòr, math dh'aoidhte o Linn an Umha
Sonnach Lann Fhionain   Togalach-còmhnaidh
Clach nam Piocaradach   Clachan snaighte Chruithneach
Eaglais Mhoire, Auchindoir   Eaglais parraiste o na Meadhan Aoisean
Uaigh Tharbhais   Leac altarach aig William Forbes
Caisteal Tolquhon   Caisteal a thog William Forbes, 7mh Fear Tolquhon, eadar 1584 agus 1589
Tursachan Tom an Aifrinn   Cearcall tursa sìnte a tha mu 4,000 bliadhna a dh'aois
Name
Image Notes
Caisteal Obar Dobhair   Caisteal le gàrradh dùinte agus barraidean le tucaid.
Abaid Chuileann-Rois   Tobhtaichean mainistir Cisteirseach a stèidhicheadh ann an 1217.
Clach Dogton   Clach a bha uair na crois Chruithneach a sheasadh leatha fhèin, 's mathaid às an 9mh linn.
Abaid Dhùn Phàrlain   Tha mòran rìghrean agus bàn-rìghrean na h-Alba tìodhlaichte ann an eaglais na h-abaid.
Lùchairt Dunfermline Palace   Lùchairt a bha roimh na lùchairt rìoghail Albannach far an do rugadh Teàrlach I ann an 1600.
Abaid Innis Choluim   Fearann manachainn agus abaid air Innis Choluim san Linne Foirthe.
Caisteal Chreag an Fhithich   Fear de dhùin nan gunnaichean mòra as sine ann an Alba.
Tùr Scotstarvit   Ainmeil mar an taigh a bh' aig Sir John Scot.
Caisteal Chill Rìmhinn   Am prìomh thaigh-còmhnaidh aig easbaigean agus àrd-easbaigean Chill Rìmhinn.
Cathair-eaglais Chill Rìmhinn   Tobhtaichean na h-eaglais as motha agus as mòraile o Alba meadhan-aoiseil.
Cill Rìbhinn: Caibeal nam Manach Dubh   Tobhta eaglais nam bràithrean-bochd Doiminiceach a thoghadh mu 1516.
Cill Rìmhinn: Eaglais Mhoire, Kirkhaugh   An eaglais cholaisteach as sine an Alba.
Cill Rìmhinn: Geata an Ear Chill Rìmhinn   Fear de na geatan bhaile a mhaireas fhathast ann an Alba.
Eaglais Bhrìghde, Dealgadaidh   Tobhta eaglais meadhan-aoiseil.
Name
Image Notes
Caisteal Crookston   Tobhta caisteil neo-àbhaisteach on 15mh linn.
Cathair-eaglais Ghlaschu   Cathair-eaglais a thogadh air an làrach far a creidear gun deach Naomh Ceann Tighearna a thìodhlachadh.

Gàidhlig aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba

deasaich

Tha Oifigear Gàidhlig agus Plana Gàidhlig[dead link] aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Tha faclair aca a mhìnicheas facalan sònraichte air an àrainneachd eachdraidheil. Tha goireasan Gàidhlig aca, gu h-àraid follseachaidhean Gàidhlig ann an cruth pdf, torr dhiubh airson clann-sgoile agus tidsearan.

Foillseachaidhean Gàidhlig

deasaich

Linn na Cloiche

Ròmanaich

Clachan

Croisean

Caistealan

Daoine is tachartasan, 1500-1750

Nuadh-shìbhealtas

Measgaichte

Ceanglaichean a-mach

deasaich