'S e clachan beag ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd a tha ann an Inbhir Dhobhrain (Beurla: Inveroran).[1] Tha e suidhichte aig ceann an iar Loch Tulla air bruach an uillt bhig ris an canar Allt Òrain. Tha Drochaid Urchaidh faisg air, mu 3 mìltean air taobh an ear dheth. Tha e suidhichte eadar Taigh an Droma agus Taigh an Rìgh. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 31′ 58.24″ Tuath agus 4° 48′ 28.1″ Iar.

Sràid ann an Inbhir Dhobhrain, tha an taigh-òsta air an làimh dheas

Chithear na beanntan Am Monadh Dubh, Stob Ghabhar, Stob a’ Choire Odhair, Meall nan Eun agus Stob Coir’ an Albannaich bhon àite seo.

Anns na seann làithean b’ e Inbhir Dhobhrain an àite far an robh na dròbhairean uisge a thoirt dhan sprèidh aca air an t-slighe gu deas. An-diugh tha taigh-òsta ann a chaidh a thogail ann an 1708. Bha cuid duine ainmeil a’ stad an seo airson oidhche m. e.: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, Charles Darwin agus Charles Dickens.[2]

Tha Slighe na Gàidhealtachd an Iar, frith-rathad astair eadar Glaschu agus an Gearasdan a' dol tron chlachan seo.

Iomraidhean

deasaich
  1. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 67, Pàrlamaid na h-Alba
  2. Taigh-òsta Inbhir Dhobhrain

Ceanglaichean a-mach

deasaich