Caledonian Mac a' Bhriuthainn
'S e companaidh aiseig a tha ann an Caledonian Mac a' Bhriuthainn. Tha i a' ruith nan aiseagan air an Linne Chluaidh agus eadar na h-Eileanan Siar. Tha a' chompanaidh fo smachd Riaghaltas na h-Alba agus a' dol gu 22 eileanan ann an Alba.
Eachdraidh
deasaichB' e David Hutcheson & Co. an t-ainm a bha oirre, nuair a thòisich a' chompanaidh anns a' bhliadhna 1851. "Sin an duine, Daibhidh Mac Ùisdein, d'an robh carragh-chuimhne air a chur suas air ceann Chearara, far am fai thu i cho soilleir ri Dun-olla fhèin, a' dol a steach do'n Oban no 'ga fhàgail."[1] Bha an companaidh ag obair ann an Linne Chluaidh. Nuair a chuir an luchd-stèidheachaidh an dreuchd dhiubh ann an 1871, bha David MacBrayne na neach-seilbhe a-mhàin gu 1921.
Bhon bhliadhna 1990 tha a' chompanaidh fo smachd Riaghaltas na h-Alba agus Rùnaire Stàit na h-Alba. Bha Banca Rìoghail na h-Alba agus CalMac air dìoladh le chèile còmhla ri seirbheisean aiseag nan Eileanan Tuathach, Northlink Orkney and Shetland Ferries.
Cabhlach
deasaichTha ochd bàtaichean air fhichead anns a' chabhlach.
- MV Earra-Ghàidheal (MV Argyll)
- MV Loch Siora (MV Loch Shira)
- MV Eilean Bhòid (MV Bute)
- MV Coir' Uisg (MV Coruisk)
- MV Lochportain (MV Loch Portain)
- MV Innse Gall (MV Hebrides)
- MV Loch Nibheis (MV Lochnevis)
- MV Fear-cinnidh (MV Clansman)
- MV Loch Àlainn
- MV Loch Bhrusta
- MV Eilean Leòdhais (MV Isle of Lewis)
- MV Eileanan Chaledonia (MV Caledonian Isles)
- MV Loch an Tairbeirt (MV Loch Tarbert)
- MV Loch Buidhe (MV Loch Buie)
- MV Loch Fìne (MV Loch Fyne)
- MV Loch Dunbheagan (MV Loch Dunvegan)
- MV Rìgh nan Eilean (MV Lord of the Isles)
- MV An t-Eilean Muileach (MV Isle of Mull)
- MV Loch Raonasa (MV Loch Ranza)
- MV Loch Raodain (MV Loch Riddon)
- MV An Linne Dhubh (MV Loch Linnhe)
- MV Loch Sroigheann (MV loch Striven)
- MV Eileanan Innse Gall (MV Hebridean Isles)
- MV Eilean Arainn (MV Isle of Arran)
- MV Satharn (MV Saturn)
- MV Eilean Chumraigh (MV Isle of Cumbrae)
- MV Eilean Ratharsair (MV Raasay)
- MV Eilean Eige (MV Eigg)
- MV Iùno (MV Juno)
- MV Iùpatair (MV Jupiter)
Chaidh bàta ùr, Catrìona, a chur air bog air 2015-12-11.
Rathaidean
deasaichLinne Chluaidh
deasaich- Guireag, Inbhir Chluaidh–Dùn Omhain, Comhal (23 mionaidean)
- Wemyss Bay, Inbhir Chluaidh–Baile Bhòid, Bòid, (35 mionaidean)
- An Tairbeart, Cinn Tìre–Portavadie, Comhal, tarsainn an Loch Fìne (25 mionaidean)
- Caol an t-Snàimh, Comhal–Rhubodach, Bòid, tarsainn na Caoil Bhòdach (5 mionaidean)
- Àird Rosain, Siorrachd Inbhir Àir–Breadhaig, Arainn, tarsainn an Linne Cluaidh (55 mionaidean)
- Claonaig, Cinn Tìre–Loch Raonasa, Arainn, tarsainn na Caoil Bhòdach (30 mionaidean)
- An Leargaidh Ghallda, Siorrachd Inbhir Àir–Cumaradh Mòr (10 mionaidean)
Na h-Eileanan a-staigh
deasaich- Taigh an Lòin, Cinn Tìre–Aird Mheanais, Giogha (20 mionaidean)
- Ceann na Creige, Cinn Tìre–Port Ìlein, Ìle, tarsainn an Loch A Siar (2 uairean 20 mionaidean)
- Ceann na Creige, Cinn Tìre–Port Asgaig, Ìle, tarsainn Caol Ìle (2 uairean 5 mionaidean)
- Port Asgaig, Ìle–Sgalasaig, Colbhasa. (1 uair 10 mionaidean)
- An t-Òban–Sgalasaig (2 uairean 20 mionaidean)
- Malaig–Armadail, An t-Eilean Sgitheanach (25 mionaidean)
- Malaig–Na h-Eileanan a-staigh (Eige, Eilean nam Muc, Rùm agus Canaigh)
Muile
deasaich- An t-Òban–Creag an Iùbhar, Muile (40 mionaidean)
- Loch Àlainn–Fishnish, Muile (15 mionaidean)
- Cille Chòmhain, Àird nam Murchan–Tobar Mhoire, Muile (35 mionaidean)
- Fionnphort, Muile–Ì Chaluim Chille (5 mionaidean)
- An t-Òban–Achadh na Croise, Lios Mòr (50 mionaidean)
- An t-Òban–Àirigh nan Gobhar, Colla (2 uairean 55 mionaidean)
- An t-Òban–Sgairinis, Tiriodh (3 uairean 20 mionaidean)
Na h-Eileanan Siar
deasaich- An t-Òban–Bàgh a' Chaisteil, Barraigh (5 uairean)
- An t-Òban–Loch Baghasdail, Uibhist a Deas (5 uairean 20 mionaidean)
- Sgonnsar, An t-Eilean Sgitheanach–Ratharsair (15 mionaidean)
- An Àird Mhór, Barraigh–Èirisgeigh (40 mionaidean)
- An Ùig, An t-Eilean Sgitheanach–Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath (1 uair 45 mionaidean)
- Ùig–Tairbeart, Na Hearadh (1 uair 45 mionaidean)
- An t-Òb, Na Hearadh–Beàrnaraigh (1 uair)
- Ullapul–Steòrnabhagh, Leòdhas (2 uairean 45 mionaidean)
Iomraidhean
deasaich- ↑ Murchison, Thomas M., The Prose Writings of Donald Lamond, 1874-1958, Edinburgh: The Scottish Gaelic Texts Society, 1988, p.59
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Caledonian Mac a' Bhriuthainn (Gàidhlig)
- Cabhlach ChalMac
- BBC Naidheachdan 2016-05-19: Cùmhnant nan aiseagan dha Cal Mac
- Beachd à Uibhist (aithris-bhideo 1:59)
- Beachd à Tiriodh (aithris-bhideo 1:47)
- Beachd Sgitheanach (aithris-bhideo 2:03)
- Beachd à Leòdhas (aithris-bhideo 3:06)
- Beachd bho Alasdair Allan, BPA (aithris-fuaime 2:35)
- Beachd bho Ruairidh Moireach, Fòram Còmhdhail Shlèite (aithris-fuaime 2:28)
- BBC Naidheachdan 2016-11-11: Luchd-siubhail is teachd a-steach Chalmac an àirde