Bha Flòraidh NicNèill (Beurla: Flora MacNeil) (6 an Dàmhair 192815 an Céitean 2015)[1] ’na seinneadair Gàidhlig a rugadh agus a thogadh ann an Eilean Bharraigh. Rugadh i air an Leideig, faisg air Bàgh a' Chaisteil, ann an 1928. Bha seinneadairean air gach taobh dhen teaghlach, ach bhiodh i fhèin ag ràdh gur ann bho thaobh a màthar gu sònraichte a thug i am beartas òran a bha aice.

Flòraidh NicNèill
Beatha
Breith Leideag, 6 dhen Dùbhlachd 1928
Dùthaich  Alba
Bàs 15 dhen Chèitean 2015
Teaghlach
Clann
Foghlam
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd seinneadair
Duaisean a fhuaras
Inneal-ciùil guth

Chaidh i a dh'obair a Dhùn Èideann anns na bliadhnaichean às dèidh an Dàrna Cogaidh. Chlàr i mòran de dh’òrain do Sgoil Eòlais na h-Alba, ’s ghabh luchd-clàraidh leithid Hamish Henderson agus Alan Lomax ùidh shònraichte innte anns na 1950an. Dh'fhàs Flòraidh fìor ainmeil tro na bliadhnaichean airson a guth agus airson a dòigh seinn - an dà chuid am measg nan Gàidheal agus na b' fharsainge. A bharrachd air rèidio, telebhisean agus àrd-ùrlar ann an Albainn fhéin, sheinn i tric air feadh na Roinn Eòrpa agus an Aimeireagaidh.

Iomraidhean

deasaich
  1. MacUilleim, Brian: “Flora MacNeil obituary(Beurla), The Guardian. 15mh dhen Chèitean 2015. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2015. 

Ceanglaichean a-mach

deasaich