Straiton
Straiton | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Siorrachd Àir a Deas |
Siorrachd | Siorrachd Àir |
Co-chomharran | 55° 18' 41' Tuath 04° 33' 05' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 211.8[1] km² |
Àireamh fòn | +44 (0)1655 |
‘S e baile beag agus Parraist faisg air Cille Mhìcheil air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Straiton. Tha e suidhichte ri taobh na Aibhne Gharbhain aig 155m os cionn ìre na mara,[2] eadar Baile Ùr nan Stiùbhartach agus Am Magh Baoghail[3] anns an Siorrachd Àir a Deas (Siorrachd Àir ro 1975), 19km air falbh bho Inbhir Àir fhèin, 66km bho Ghlaschu, 54km bhon An t-Sròn Reamhar agus 112km bho Dhùn Èideann.[4] ha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd, coilltearachd agus dreuchdan anns na bailtean mòra faisg air Straiton. Tha bùth, taigh-seinnse, taigh-cofaidh, talla agus eaglais ann. A thaobh foghlaim, tha bun-sgoil ann,[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns a' Mhagh Bhaoghail.[6]
Freumhan an Ainm
deasaichA rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à streean agus ton (a tha a' ciallachadh dìreach agus baile) ann an seann Bheurla a tha an t-ainm.[7] Bheireadh sin Baile Dìreach dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. A dh'aindeoin sin, tha cuid sa bhaile fhèin dhen bheachd gur ann à Ysrath (srath) ann an seann Chuimris agus ton (Baile) anns a' Beurla a th' ann. Beireadh sin Baile an t-Sratha dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a toirt cuideam dhan bheul-aithris. Bha seann Chuimris làidir air feadh ceann a deas na h-Alba an dèidh nan Ròmanach agus tha ainmean-àite san t-seann chànan gu math pailt san sgìre.[8]
Eachdraidh
deasaichChaidh eaglais a chlàradh an seo ri linn Alasdair II[9] ged a stèidheachadh am baile ann an 1760 le Tòmas Ceannadach, Iarla Cassilis mar bhaile-oighreachd[10] ged a chaidh na taighean a chithear an latha an-diugh a thogail ann an 1900 le Sir Èideard Hunter Blàr: 's e dìreach am mansa (taigh Traboyack),[11] an taigh-seinnse agus taigh a' ghobhainn a tha air fhàgail bhon na chaidh a thogail anns an 18mh Linn.[12] Rinneadh atharraidhean air an eaglais ann an 1758 agus ann an 1901.[13] Tha an t-oighreachd Blairquhan am broinn na parraist: chaidh caisteal a thogail ann an 1346 agus lùchairt ann an 1820.[14] Tha carragh-chuimhne anabarrach mòr gu Seumas Hunter Blàr à Blairquhan, a chaill a bheatha aig Cath Inkerman ann an 1854, air mullach Creag nan Gobhar, air an àirde an ear a' bhaile.[15] A-rèir carragh-chuimhne san Talla a' Bhaile, fhuair 93 duine à Torthorwald bàs sa Chogadh Mòr[16] agus 35 eile san Dàrna Cogadh.
An-diugh
deasaichTha bun-sgoil bheag ann an Straiton ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns a' Mhagh Bhaoghail.[17] Chaidh am film The Match fhilmeadh an seo ann an 1999. Chleachd an taigh-òsta agus taigh eile.[18] Tha muinntir a' bhaile a' ruith na bùtha agus Talla a' Bhaile Mhic Chundlis ann an co-oibreachadh. 'S e turasachd agus coilltearachd a tha aige cridhe eaconomaidh a' bhaile. 'S e àite fa leth math airson coiseachd agus rothaireachd. Thathar a' ruith rèis gach Lùnasdal bhon a' bhaile shuas dhan charragh-chuimhne os cionn Creag nan Gobhar.[19]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Scottish Places
- ↑ Falling Rain
- ↑ Maybole
- ↑ Luft Linie
- ↑ Straiton Primary School
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ The Brittonic Language in the Old North
- ↑ History of the Counties of Ayr & Wigton Scotland: Carrick, James Paterson, Dùn Èideann, 1864
- ↑ Genuki
- ↑ Canmore
- ↑ Maybole
- ↑ Eaglais na h-Alba
- ↑ Blairquahan
- ↑ Genuki
- ↑ Scottish War Memorials Project
- ↑ Bun-sgoil Straiton
- ↑ Glasgow Herald
- ↑ Scottish Hill Racing