Port na Coise
(Air ath-sheòladh o Portencross)
'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath a tha ann am Port na Coise (Beurla: Portencross). Tha am baile faisg air Cille Bhrìghde an Iar agus mu 3 mìltean iar air Seamill. Tha an stèisean cumhachd niùclasach Hunterston B dà mhìle tuath dheth. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 42′ 0″ Tuath agus 4° 54′ 0″ Iar.
Còmhla ri Seamill agus Cille Bhrìghde an Iar bha 4,393 duine a' fuireach an seo ann an 2001.[1]
Tha caisteal ann, Portencross Castle, a chaidh a thogail anns an 14mh linn. Tha e dìreach ri taobh na mara aig a' phort-mhara.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 178 490
Siorrachd Àir agus Arainn