Cille Bhrìghde an Iar

Cille Bhrìghde an Iar, meadhan a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Co-chomharran 55° 42′ T
4° 51′ I
Comharradh-clèithe NS204484
Feartan fiosaigeach

'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath a tha ann an Cille Bhrìghde an Iar (Beurla: West Kilbride).[1][2] Tha am baile suidhichte air còrsa an iar Alba faisg air Linne Chluaidh.

Còmhla ri Seamill agus Port na Coise bha 4860 duine a' fuireach an seo ann an 2020.[3]

Tha Arainn le Gaoda Bheinn ri fhaicinn bhon an seo.

Tha ceithir caistealan timcheall air Cille Bhrìghde an Iar:

  • Law Castle, a chaidh a thogail anns an 15mh linn airson Màiri, piuthar Sheumais III. Tha e suidhichte aig cois Law Hill.
  • Portencross Castle, a chaidh a thogail anns an 14mh linn. Tha e dìreach ri taobh na mara aig port-mara Port na Coise.
  • Hunterston Castle, anns an fhearann Hunterston.
  • Crosbie Castle (cuideachd Crosbie Towers) air àird an iar-thuath Cille Bhrìghde an Iar. B’ e Crosbie Castle an dachaigh aig Sir Ranald Craufurd (a bha ceangailte leis an teaghlach Uilleam Uallas) anns an 13mh linn, canar gun do chuir Uallas uine seachad ann an Crosbie.[4] Chaidh an caisteal a thogail a-rithist air sgàth 's gun robh pàirt dhen tùr tùsail ga leagail sìos anns an 17mh linn.

Gailearaidh

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. West Kilbride - Cille Bhrìghde an Iar”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 28mh dhen Iuchar 2024.
  2. Stòr-dàta SMO
  3. Settlements and Localities 2020”. Clàran Nàiseanta na h-Alba. Air a thogail 28mh dhen Iuchar 2024.
  4. Lamb, Rev. John, BD (1896). Annals of an Ayrshire Parish - West Kilbride, duilleag 94. Glaschu: John J. Rae.