'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir a Deas a tha ann an Allmhaigh (Beurla: Alloway). Tha e na fhrith-bhaile Inbhir Àir agus tha e suidhichte air bruach Abhainn Dhùin. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 25′ 48″ Tuath agus 4° 38′ 10″ Iar.

Burns Cottage ann an Allmhaigh

'S e àite-brèith Raibeart Burns a th’ ann, agus an t-àite far a bheil an dàn ainmeil aige , "Tam o' Shanter" a’ cluich. An-diugh tha taigh-tasgaidh ann ris an canar Burns Cottage.

Tha tobhtaichean de sheann eaglais ann, Alloway Kirk agus seann drochaid thairis air Abhainn Dhùin.

Tha gnìomhachas turasachd gu math làidir ann an Allmhaigh.

Ceanglaichean a-mach deasaich

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 334 186