Sgùrr na Lapaich
'S e beinn ann an Gleann Canaich a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr na Lapaich. Tha e 1,150 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte ann an àite air leth iomallach eadar Atadal agus Canaich eadar Loch Monar agus Loch Maol Àrdaich. Thathar ag ràdh gur e aon de na Beanntan Rothaich as iomallaiche a th' ann. Feumar a bhith faiceallach, oir tha beanntan eile ann leis an ainm sin.
Sgùrr na Lapaich | |
---|---|
Sgùrr na Lapaich bho Sgùrr nan Clachan Geala | |
Àirde (m) | 1,150 |
Àirde (tr) | 3,772 |
Àirde rinneach (m) | 839 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Gleann Canaich |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 25, |
Comharradh-clèithe | NH16083511 |
'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Gheibhear thuice bho Chanaich, bho Atadal no bho Chill Fhaolain, agus 's ann air an rothair a nì a' mhòrchuid de dhaoine pàirt den t-slighe. Bidh cuid a' campachadh faisg air a' bheinn agus a' tòiseachadh às ùr an ath latha. Mar as trice bithear ga cheangal leis An t-Socach, An Riabhachan agus Càrn nan Gobhar[1]
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Loch Mullardoch, Oighreachd Atadail, Beanntan Ghleann Afraig, Achadh na Seileach, Gleann Srath Farair agus Toirbheartan.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaichBailtean | Bealadruim • Canaich • Cille Chuimein • Cill Taraglain • Cnoc Mhoire • Druim na Drochaid • Inbhir Moireasdan • An Innis Mhòr • Leantran • A' Mhanachainn • An t-Srùigh • An Tomaich |
Beanntan | Beinn Fhada • Sgùrr na Lapaich • Toll Creagach • Tom a' Chòinnich |
Gleanntan | Gleann Afraig • Gleann Canaich • Gleann Srath Farair • Gleann Urchadain |