Druim na Drochaid
Druim na Drochaid | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Co-chomharran | 57° 20′ 14″ Tuath 4° 28′ 48″ Iar |
Comharradh-clèithe | NH507301 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 813 (2001) |
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Druim na Drochaid (Beurla: Drumnadrochit). 'S e ainm stèidhichte a tha ann an Druim na Drochaid [1], nochd e aig Dwelly ann an 1912 mar Druim na drochaid. [2]
Tha am baile suidhichte air bruach iar-thuath Loch Nis aig beul Ghleann Urchadain. Tha Abhainn Enrick a' sruthadh tron bhaile. Tha Druim na Drochaid air an rathad A82 faisg air gobhal-rathaid leis an A831 agus ga cheangal le Baile a' Mhuilinn san iar agus Blàr na Maigh sa deas. Ann an 2001 bha 813 duine a' fuireach an seo. [3]
Chaidh oifis a' phuist a stèidheachadh an seo ann an 1835 aig an robh taigh-òsta cuideachd. [4] Ro 1891 am baile am broinn Siorrachd Inbhir Nis. An-diugh tha Druim na Drochaid tarraingeach don luchd-turais air sgàth na taisbeanaidhean anns a' bhaile mu uilebheist Loch Nis agus air sgàth Caisteal Urchadain a tha faisg air a' bhaile. Bidh na Glenurquhart Highland Games ann gach bliadhna aig deireadh an Lùnasdail. Tha trì taighean-òsta agus dà thaigh-seinnse ann a-nis.
Tha an Comann Camanachd Ghleann Urchadain suidhichte anns a' bhaile fhèin.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Drumnadrochit - Druim na Drochaid”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2020.
- ↑ Faclair Dwellys
- ↑ Scrol
- ↑ Gazetteer for Scotland
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Undiscovered Scotland - Druim na Drochaid
- BBC Naidheachdan 2015-12-11: Ionad-slàinte ùr Dhruim na Drochaid
Bailtean | Bealadruim • Canaich • Cille Chuimein • Cill Taraglain • Cnoc Mhoire • Druim na Drochaid • Inbhir Moireasdan • An Innis Mhòr • Leantran • A' Mhanachainn • An t-Srùigh • An Tomaich |
Beanntan | Beinn Fhada • Sgùrr na Lapaich • Toll Creagach • Tom a' Chòinnich |
Gleanntan | Gleann Afraig • Gleann Canaich • Gleann Srath Farair • Gleann Urchadain |