Inbhir Moireasdan
Inbhir Moireasdan | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Loch Abar |
Sgìre | Comhairle na Gàidhealtachd |
Co-chomharran | 57° 12′ 57.43″ Tuath 4° 37′ 6.83″ Iar |
Comharradh-clèithe | NH420167 |
Feartan fiosaigeach |
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Inbhir Moireasdan (Beurla: Invermoriston). [1] Tha e suidhichte air an rathad A82 far a bheil an gobhal-rathaid leis an A887. Tha Cille Chuimein mu 6 mìltean 14 (km) san àird a deas. Tha an Abhainn Moireastan a' sruthadh tron bhaile, tha inbhir na h-aibhne ann an Loch Nibheis faisg air. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 12′ 57.43″ Tuath agus 4° 37′ 6.83″ Iar.
Ann an Inbhir Moireasdan tha taigh-òsta ann leis an ainm Glenmoriston Arms a chaidh a thogail anns na 1800an. Roimhe sin bha taigh-seinnse ann far an do stad Samuel Johnson agus James Boswell air an turas aca air a' Ghàidhealtachd ann an 1773. Tha oifis a' phuist ann cuideachd, taigh-bìdh agus cuid bùthan. 'S e sealladh tarraingeach don luchd-turais a tha ann an eas Abhainn Moireastan. Tha seann drochaid thairis air an abhainn a chaidh a thogail ann an 1813 le Thomas Telford airson na bailtean Druim na Drochaid agus Cille Chuimein a cheangal. Ged a tha an drochaid caran briste san latha an-diugh tha i làidir gu leòr fhathast don luchd-coiseachd.
Cruth an ainm
deasaichThèid an t-ainm Inbhir Moireasdan a chleachdadh air na soidhnichean rathaid ach a-rèir Ainmean-àite na h-Alba bu chòir "Inbhir Moireastain" a bhith ann, ainm a leanas riaghailtean GOC.[2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-àite", Pàrlamaid na h-Alba, duilleag 66
- ↑ “Invermoriston - Inbhir Moireastain”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2020.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- www.glenmoriston.org – eachdraidh, seanchas, òrain, bàrdachd, agus sgeulachdan bho 1850 gu a-nis
- Gazetteer for Scotland - Inbhir Moireasdan
- Undiscovered Scotland - Inbhir Moireasdan
Bailtean | Bealadruim • Canaich • Cille Chuimein • Cill Taraglain • Cnoc Mhoire • Druim na Drochaid • Inbhir Moireasdan • An Innis Mhòr • Leantran • A' Mhanachainn • An t-Srùigh • An Tomaich |
Beanntan | Beinn Fhada • Sgùrr na Lapaich • Toll Creagach • Tom a' Chòinnich |
Gleanntan | Gleann Afraig • Gleann Canaich • Gleann Srath Farair • Gleann Urchadain |