An Socach (Gleann Canaich)
'S e beinn ann an Gleann Canaich a’ Ghàidhealtachd a th’ anns an t-Socach. Tha e 1,069 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte ann an àite air leth iomallach eadar Atadal agus Canaich eadar Loch Monar agus Loch Mullardoch. Thathar ag ràdh gur e aon de na Beanntan Rothaich as iomallaiche a th' ann. tha an t-ainm a' tighinn bho sròn muice[1]. Feumar a bhith faiceallach, oir tha beinn eile ann leis an ainm An Socach ann an Gleann Afraig.
An Socach (Gleann Canaich) | |
---|---|
An Socach bhon druim | |
Àirde (m) | 1,069 |
Àirde (tr) | 3,507 |
Àirde rinneach (m) | 204 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Gleann Canaich |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 25, |
Comharradh-clèithe | NH100332 |
'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Gheibhear thuice bho Chanaich, bho Atadal no bho Chill Fhaolain, agus 's ann air an rothair a nì a' mhòrchuid de dhaoine pàirt den t-slighe. Bidh cuid a' campachadh faisg air a' bheinn agus a' tòiseachadh às ùr an ath latha. Bidh cuid ga cheangal leis An Riabhachan, Sgùrr na Lapaich agus Càrn nan Gobhar[2]
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Loch Mullardoch, Oighreachd Atadail, Beanntan Ghleann Afraig, Achadh na Seileach agus Toirbheartan.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 93
- ↑ Beanntan Mhullardoch air Walkhighlands