'S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Beinn Fhada. Tha i 1,032m de dh’àirde agus ’s Beinn Rothaich a th' ann. Tha i suidhichte air cùlaibh a' Mhormhaich agus Innis a' Chrodh. Tha a' bheinn co-shìnte ri Còig Peathraichean Chinn Tàile, agus tha i cha mhòr a cheart cho fada ris an aonach sin. Tha i air taobh tuath Gleann Lic.

Beinn Fhada

Àrd-chlàr mullach na Beinne Fada
Àirde (m) 1,032
Àirde (tr) 3,386
Àirde rinneach (m) 647
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Beinn Fhada is located in Alba
Beinn Fhada
Beinn Fhada (Alba)
Suidheachadh Cinn Tàile
Mapa cumadh-tìre Landranger 33
Explorer 414
Comharradh-clèithe NH018192

'S e an dòigh as cumanta a bhith a' streap a' Bheinn Fhada bho Ghleann Chòinneachain agus Coire an Sgàirne. Ruigear an uair sin a' Phlaide Mhòr, àrd-chlàr mòr air a' bheinn. Bhon mhullach tha e cumanta a bhith a' dol chun an iar agus air ais dhan Mhormhaich thairis air iomadh binnean air druim caol.[1] Dh'fhaodar cuideachd cumail a' dol dhan àrd an ear agus cromadh gu Gleann Afraig. Bidh cuid de dhaoine a tha a-mhàin airson na beanntan rothaich a shreap, ga cheangal leis a' Ghlas-bheinn bho Bhealach an Sgàirne.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Gleann Afraig.

Iomraidhean deasaich

  1. Beinn Fhada air Walk Highlands

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: