An t-Srùigh

Bruach Abhainn na Manachainn
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Co-chomharran 57° 25′ 30″ T
4° 39′ 50″ I
Comharradh-clèithe NH401403
Feartan fiosaigeach

'S e baile beag a tha anns an t-Srùigh (Beurla: Struy)[1][2] aig ceann a tuath Srath Ghlais ann an Siorrachd Inbhir Nis. Nochdaidh an t-ainm mar Sruidh cuideachd.[3] Tha e suidhichte timcheall air 15 cilemeatair iar-dheas air a' Mhanachainn, air an rathad gu Canaich. Tha an t-Srùigh suidhichte eadar dà abhainn, an Abhainn Ghlais is an Abhainn Farar (tha Drochaid na Srùigh a' dol tarsainn Abhainn Farar) is aig comar nan aibhnichean sin, tòisichidh Abhainn na Manachainn.

Iomraidhean deasaich

  1. Am Faclair Beag
  2. Iain Mac an Tàilleir: Ainmean-Àite td. 110
  3. Struy - Sruidh”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2020.

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: