An Riabhachan
'S e beinn ann an Gleann Canaich a’ Ghàidhealtachd a th’ anns an Riabhachan. Tha e 1,129 m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte ann an àite air leth iomallach eadar Atadal agus Canaich eadar Loch Monar agus Loch Mullardoch. Thathar ag ràdh gur e aon de na Beanntan Rothaich as iomallaiche a th' ann. Tha an t-ainm a' toirt iomradh air strìopan glasa air a' bheinn [1].
An Riabhachan | |
---|---|
An Riabhachan bho druim an t-Socaich | |
Àirde (m) | 1,129 |
Àirde (tr) | 3,704 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Gleann Canaich |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 25, |
Comharradh-clèithe | NH13373449 |
'S e rud mòr a bhith a' streap na beinne seo leis gu bheil i ann an suidheachadh cho iomallach. Gheibhear thuice bho Chanaich, bho Atadal no bho Chill Fhaolain, agus 's ann air an rothair a nì a' mhòrchuid de dhaoine pàirt den t-slighe. Bidh cuid a' campachadh faisg air a' bheinn agus a' tòiseachadh às ùr an ath latha. Bidh cuid ga cheangal leis An t-Socach agus Sgùrr na Lapaich agus Càrn nan Gobhar[2]
Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Loch Mullardoch, Oighreachd Atadail, Beanntan Ghleann Afraig, Achadh na Seileach, Srath Farair agus Toirbheartan.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Drummond, Peter 1991; Scottish Hill and Mountain Names, Scottish Mountaineering Trust; d. 60
- ↑ Beanntan Mhullardoch air Walkhighlands