Gleann Canaich
'S e gleann mòr air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Gleann Canaich. Tha e mu 18 mìle (29 km) a dh’fhaid eadar cladach siarach Loch an Droma sa cheann an iar agus am baile Canaich sa cheann an ear. Tha Abhainn Canaich a' sruthadh tron ghleann.
Beanntan
deasaichTha iomadh beinn suidhichte ri taobh Ghleann Canaich:
Air an taobh dheis m.e.:
Air an taobh thuath m.e.:
Lochan
deasaichTha còig lochan suidhichte air cois Ghleann Canaich: Loch Mullardoch, Loch a' Bhàna, Loch Sealbhanach, Loch Carrie agus Loch Craskie.
Tha uisge lochan eile a' sruthadh don abhainn Canaich cuideachd:
Faisg air Loch Mullardoch:
- Loch an Droma
- Loch an Fhraoich-choire
- Loch Toll na Feurstaig
- Loch a' Choire Bhig
- Loch Tuill Bhearnach
- Loch a' Choire Dhomhain
- Coire Lochan
- Loch Coire nan Dearcag
- An Gorm Lochan
Faisg air Loch Craskie:
Tha breac-donn a' fuireach ann an Abhainn Canaich agus a lochan.[1]
Cultar
deasaichGu traidiseanta 's e talamh Chlann Siosalach a th' ann an Gleann Canaich, agus dh'fhoillsich Duncan Chisholm clàr ann an 2010 leis an ainm Canaich anns a bheil e a' toirt an luchd-èisteachd air cuairt tron ghleann bho Chanaich gu Loch Mullardoch agus seachad air baile Chraskie.[2]. Seo an dàrna clàr san t-sreath Srath Farair aige.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Sandison, Bruce (2013) "Rivers and Lochs of Scotland. The Angler's Complete Guide 2013/14". Black and White Publishing. ISBN 1845027116
- ↑ Duncan Chisholm ann an Gleann Canaich
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Gazetteer for Scotland Fios agus mapaichean(Beurla)
- Gleann Canaich Fios agus dealbhan (Beurla)