'S e aon de na 22 ùghdarrasan ionadail aonadach anns a' Chuimrigh a th' ann an Ynys Môn [ˈənɨs ˈmoːn] (Beurla: Anglesey). Tha e suidhichte san àird an iar-thuath na Cuimrigh agus tha e cho mòr ri 711 km².[1] Ann an 2012 bha 70049[1] duine a' fuireach ann. Tha Ynys Môn còmhla ri Ynys Gybi (Holy Island) is eileanan beaga eile na ùghdarras ionadail ris an canar Isle of Anglesey County.

Ynys Môn anns a' Chuimrigh

An t-eilean deasaich

'S e eilean as motha anns a' Chuimrigh a th' ann an Ynys Môn. Tha e cuideachd na eilean as motha ann an Cuan na h-Èireann [2] Tha dà dhrochaid ann a bhios ga cheangail leis an tìr-mòr, Pont Grog y Borth is Britannia Bridge. Tha turasachd na gnìomhachas as cudromaiche anns an eilean, ged a tha àiteachas a' dol ann cuideachd. Tha mòran luchd-turais a' cleachdadh nan h-aiseagan do dh'Èirinn bho Caergybi gu Dún Laoghaire is Baile Átha Cliath.

Tha Cuimris aig gu bhith trì cairteal den t-sluagh.

Tha Bryn Celli Ddu, làrach ro-eachdraidheil, suidhichte ann an Ynys Môn.

Slighe Cladach Ynys Môn deasaich

'S e frith-rathaid astair ann an ceann a tuath na Cuimrigh a th' ann an Slighe Cladach Ynys Môn (Cuimris: Llwybr Arfordirol Ynys Môn; Beurla: Anglesey Coastal Path).[3] Tha an cas-cheum mu 124 mìle (200 km) de dh'fhaid agus a' leantainn iomall-fairge an eilein. Chaidh an cas-cheum fhosgladh ann an 2006. Tha e na phàirt de Shlighe Costa na Cuimrigh, cas-cheum mu 870 mìle (1,400 km) de dh'fhaid bho Cas-gwent ann an ceann a deas gu Y Fferi Isaf ann an ceann a thuath na Cuimrigh.[4]

Bailtean deasaich

Seo cuid de na bailtean air Ynys Môn:

Dealbhan deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. 1.0 1.1 Àireamh-shluaigh, àrainneachd is dlùths nan ùghdarrasan ionadail anns a' Chuimrigh 30. 6. 2012 (Faidhle ZIP; 832 kB)
  2. C.Michael Hogan. 2011. Irish Sea. eds P.Saundry & C.Cleveland. encyclopedia of Earth. National Council for Science and the Environment. Washington DC(Beurla), a' tarraing air 22.5.2014
  3. Rogers, Carl [2005] (2010): Walking the Isle of Anglesey Coastal Path. Frodsham: Mara Books. ISBN 978-1-902512-15-0. 
  4. BBC News Wales - All-Wales coast path nears completion. A tarraing air 2.1.2012