'S e prìomh phort agus baile de Ynys Môn a th' ann an Caergybi neo Holyhead mar a chanas luchd na Beurla ris. Anns a' bhliadhna 2001 bha 11,237 duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin. Is i a' Chuimris an cànan màthaireil aig a' chuid as motha de mhuinntir a' bhaile.

Eaglais Naomh Cybi aig Caergybi

Is e eilean mòr an iar-thuath na Cuimrigh a tha anns an Ynys Môn, a tha roinnte bhon tìr mhòir leis an Linne Menai. Tha Caergybi suidhichte air eilean beag air a bheil an t-ainm Holy Island. Tha an t-eilean ceangailte ri Ynys Môn le drochaid agus cabhsair.

Tha Caergybi air a bhith na phort cudthromach air taobh conaltradh co-dhiù bho thoiseach an 19mh linn, nuair a rinneadh ionad-phacaid dheth, airson a' puist rìoghail "The Irish Mail" eadar Lunnainn agus Caisteal Átha Cliath. Rinneadh rathad-puist, innlichte le Tómas Telford, bho Lunnainn gu Caergybi ann an 1815. Ràinig an rathad-iarainn Caergybi ann an 1847.

Tha Caergybi suidhichte air an seòlaid a-steach ri Poll a' Ghruthain bhon Chuan Cheilteach agus bho na 1820n gu 1847, bha telegraf seamafoir le seachd ionadan stèidhichte eadar an dà Phort. Chaidh a chleachdadh a thoirt rabhadh do na malairtich aig Poll a' Ghruthain nuair a bhiodh na luingean aca a' tighinn gu port.

Am bàta Stena Explorer (Stena Line) a' fàgail Caergybi

Ged nach eil na postan fhathast a' dol gu Èirinn tro Chaergybi tha e fhathast na phort cudthromach airson an dà chuid, bathair agus daoine air an triall eadar Sasainn agus Èirinn. Bithidh Stena Line a' ruith luingean aiseig gu Port Átha Cliath agus bàta-luath "hydrofoil" gu Dùn Laoghaire agus bithidh Irish Ferries a' ruith aiseagan gu Port Átha Cliath.

Tha am frith-rathad astair Slighe Cladach Ynys Môn (Cuimris: Llwybr Arfordirol Ynys Môn; Beurla: Anglesey Coastal Path) a' tòiseachadh is a' crìochnachadh ann an Caergybi.[1] Tha an cas-cheum mu 124 mìle (200 km) de dh'fhaid agus a' leantainn iomall-fairge Ynys Môn. Tha e na phàirt de Shlighe Costa na Cuimrigh, cas-cheum mu 870 mìle (1,400 km) de dh'fhaid.

Iomraidhean

deasaich
  1. Rogers, Carl [2005] (2010): Walking the Isle of Anglesey Coastal Path. Frodsham: Mara Books. ISBN 978-1-902512-15-0.