'S e aon de na 22 ùghdarrasan ionadail aonadach anns a' Chuimrigh a th' ann an Sir Gaerfyrddin, gu goirid: Sir Gâr (Beurla: Carmarthenshire). Tha e suidhichte san àirde an iar-dheas na dùthcha agus tha e cho mòr ri 2.371km².[1] Ann an 2012 bha 184.317 duine a' fuireach ann.[1] Tha a' chuid as motha den t-sluagh a' fuireach ann an agus timcheall air Llanelli, ach 's e Caerfyrddin teis-meadhan rianachail Sir Gaerfyrddin.

Sir Gaerfyrddin anns a' Chuimrigh

A rèir a' chunntais-shluaigh ann an 2001 bha comas labhairt, leughaidh is sgrìobhaidh na Cuimris aig 39% dhiubh.

Cruth na dùthcha

deasaich

Tha cruth na dùthcha làn aonaichean is beanntan, tha pàirt den Fforest Fawr is nan Black Mountain san ear na sgìre, agus na Cambrian Mountains san ceann a tuath. 'S e Fan Brycheiniog, 2,631 tròigh (802 m) an t-àite as àirde. Ann an ceann a deas Sir Gaerfyrddin tha mòran bailtean iasgaich is tràighean gainmheil ann. Mar sin tha tha àiteachas, coilltearachd , iasgach is turasachd nan gnìomhasan as cudromaiche don sgìre.

Bailtean

deasaich

Seo cuid de na bailtean ann an Sir Gaerfyrddin:

Dealbhan

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Àireamh-shluaigh, àrainneachd is dlùths nan ùghdarrasan ionadail anns a' Chuimrigh 30. 6. 2012 (Faidhle ZIP; 832 kB)