Slighe Cladach Ynys Môn
Co-chomharran: 53°08′05″N 4°24′53″W / 53.13483°N 4.41470°W
Slighe Cladach Ynys Môn | |
Soidhnichean na slighe | |
Fad | 124 mìle (200 km) |
Àite | Ynys Môn, a' Chuimrigh |
Tòiseachadh | Caergybi |
Crìochnachadh | Caergybi |
Cleachdadh | Coiseachd |
Ìre | Furasta |
Ràith | Fad na Bliadhna |
'S e frith-rathad astair ann an ceann a tuath na Cuimrigh a th' ann an Slighe Cladach Ynys Môn (Cuimris: Llwybr Arfordirol Ynys Môn; Beurla: Anglesey Coastal Path, gu oifigeil "the Isle of Anglesey Coastal Path").[1] Tha an cas-cheum mu 124 mìle (200 km) de dh'fhaid agus a' leantainn iomall-fairge Ynys Môn. Chaidh an cas-cheum fhosgladh ann an 2006. Tha e na phàirt de Shlighe Costa na Cuimrigh, cas-cheum mu 870 mìle (1,400 km) de dh'fhaid bho Cas-gwent (Beurla: Chepstow) ann an ceann a deas gu Y Fferi Isaf (Beurla: Queensferry) ann an ceann a thuath na Cuimrigh.[2]
An t-Slighe
deasaichTha an cas-cheum a' leantainn iomall-fairge an eilein air fad ach ann an dà àite, ann an oighreachd Plas Newydd agus aig inbhir Afon Alaw eadar Llanfachraeth is Llanynghenedl.[1] 'S e slighe cearcallach a th' ann a bhios a' tòiseachadh is a' crìochnachadh ann an Caergybi. Anns na leabhraichean-iùil gheibhear stiùireadh tuathal na slighe. Chosg e mu £1.4 millean an t-slighe a thogail. Tha i a' dol tro Area of Outstanding Natural Beauty, roinn a ghabhas a-steach mu 95% de chosta an eilein.[3] Mar sin tha i stèidhichte gu ìre mhòir air na slighean poblach a bh' ann roimhe sin. Fhuaireadh cead bho chuid den na h-uachdaranan cuideachd coiseachd tron fhearann prìobhaideach aca. Tha soidhnichean an rathaid air feadh na slighe. Tha an cas-cheum a' dol tro chruthan-tìre eadar-dhealaichte, leithid fearann-tuathanais, monaidhean le blàir-fhraoich, dùin-ghainmhich, creigean, làthach sàile is coilltean beaga. [3] Tha a' chuid as motha den frith-rathad furasta airson coiseachd, air an t-slighe air fad bidh 13,695 troigh (4,174m) uile gu lèir de rathaidean-dìridh is teàrnaidhean ann.[3] Mar as trice bidh e a' toirt eadar 7 is 10 làithean gus coiseachd timcheall air a' chas-cheum air fad, ged tha feadhainn ann a rinn sin ann an ceithir làithean.
Chaidh an t-slighe a chruthachadh ann an co-bhonn le Menter Môn, buidheann na coimhearsnachd, agus Ùghdarras ionadail Ynys Môn. Fhuair iad maoin bhon Aonadh Eòrpach, gus gnìomhachasan foise is roinn turasachd a leasachadh. Chaidh an cas-cheum fhosgladh gu oifigeil 9 an t-Ògmhios 2006 le Rhodri Morgan.
Slighean ceangailte
deasaichTha slighean beaga chun na dùthcha ann a tha ceangailte ri Slighe Cladach Ynys Môn:
- Slighe chearcallach Mynydd Mechell - 'S e cas-cheum furasta a th' ann, mu 3 mìle (5 km) de dh'fhaid agus bidh e a' toirt timcheall air 2 uair a thìde airson coiseachd. Tha e a' tòiseachadh aig Jerusalem Chapel ann am Mynydd Mechell (SH360899).
- Slighe chearcallach Copper Coast - Tha an cas-cheum seo a' tòiseachadh is a' crìochnachadh ann an Amlwch Port (SH452936). Tha e a' leantainn seachad air taigh-solais Point Lynas agus tro Pharys Mountain. Tha e mu 14 mìle (22 km) de dh'fhaid agus bidh e a' toirt timcheall air 6 uair a thìde airson coiseachd.[4]
- Ynys Llanddwyn - Air a' chas-cheum seo thèid an luchd-coiseachd seachad air cuid de na tràighean as bòidhche an eilean. Tha e a' tòiseachadh aig pàirc-chàraichean SH415649 agus tha e mu 1.4 mìle (2.3 km) de dh'fhaid. Tha an t-eilean Ynys Llanddwyn (Beurla: Llanddwyn Island) na phàirt den Tèarmainn Nàdair Nàiseanta Newborough Warren. 'S e eilean-tràghaidh a th' ann an Ynys Llanddwyn agus mar sin feumar a bhith mothachail ma bhios am muir a' lìonadh.
Àitichean eile air an t-slighe
deasaichMa choisichear an t-slighe gu tuathal le a bhith a' tòiseachadh ann an Caergybi thèid an luchd-coiseachd seachad air na h-àitichean inntinneach a leanas:
|
|
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Rogers, Carl [2005] (2010): Walking the Isle of Anglesey Coastal Path. Frodsham: Mara Books. ISBN 978-1-902512-15-0.
- ↑ BBC News Wales - All-Wales coast path nears completion. A tarraing air 2.1.2012
- ↑ 3.0 3.1 3.2 "Isle of Anglesey Coastal Path". Retrieved 9.6.2014.
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) (Beurla) - ↑ "Copper Coast Circular". Ynys Mon Ramblers. Ramblers Association. Retrieved 13. 8. 2013.
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help)
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Làrach-lìn oifigeil, le mapaichean (Cuimris; Beurla)
- Anglesey Walking Festival (Beurla)