Powys
'S e fear de na 22 ùghdarrasan ionadail aonadach anns a' Chuimrigh a th' ann am Powys [ˈpowɪs].
Ainm dùthchasach | Sir Powys |
---|---|
Archives at | Powys Archives |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Sgìre riaghaltais ionadail | A' Chuimrigh |
Domhan-leud is -fhad | 52°18′0″N 3°25′0″W |
Authority | Powys County Council |
Language used | Cuimris, Cuimris, Beurla |
Làrach-lìn | http://www.powys.gov.uk/ |
Category for maps or plans | Category:Maps of Powys |
Suidheachadh
deasaichTha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha agus tha e cho mòr ri 5.181km²[1] agus ann an 2012 bha 132.952 [1] duine a' fuireach ann. Mar sin 's e Powys an roinn as motha a tha anns a' Chuimrigh, ach cuideachd tha e na roinn as iosail a rèir dlùths nan daoine a bhios a' fuireach ann. Tha a' chuid as motha de na daoine a' fuireach ann am bailtean beaga. S' iad Y Drenewydd, Ystradgynlais, Aberhonddu is Y Trallwng le àireamh-shluaigh de 12,783, 9,004, 7,901 is 6,269(2001) na bailtean as motha ann am Powys. Tha cruth na dùthcha làn beanntan, mar sin cha robh e furasta siubhail bho dheas gu tuath.
Eachdraidh
deasaichTha e ainmichte a rèir an seann Rìoghachd Powys, a chaidh a chur air bhonn san 5mh linn anns an dearbh àite nuair a dh'fhàg na Ròmanaich Breatainn Mhòr. Mhàir an Rioghachd gu 1160. Thathar dhen bheachd gun tàinig an t-ainm Powys bhon fhacal Laideann "pagus" "dùthaich/air an dùthaich". Ach bha tuineachaidhean ann ro àm nan Ròmanaich, mar a tha na seann cambaran a' dearbhadh. Tha 1130 cambar clàraichte ann am Powys, le stoidhlichean eadar-dhealaichte bho àmanan diofraichte, eadar 4000 is 1000 ro Chr, an cuid as motha dhiubh à Linn an Umha.[2]
Bailtean
deasaichSeo cuid de na bailtean ann am Powys:
Dealbhan
deasaich-
Farsaingeachd den t-seann Rìoghachd Powys
-
Cùirn chruinne Carn Gwilym
-
Cruth na tìre air an t-slighe gu Y Trallwng
-
Càrn Gwernvale ann an Crughywel
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Àireamh-shluaigh, àrainneachd is dlùths nan ùghdarrasan ionadail anns a' Chuimrigh 30. 6. 2012 (Faidhle ZIP; 832 kB)
- ↑ Clwyd-Powys Archaeological Trust: Introducing Prehistoric burial and ritual sites. (Beurla, Cuimris) a' tarraing air 19.5.2014
Abertawe • Blaenau Gwent • Bro Morgannwg • Caerffili • Casnewydd • Castell-nedd Port Talbot • Caerdydd • Ceredigion • Conwy • Gwynedd • Merthyr Tudful • Pen-y-bont ar Ogwr • Powys • Rhondda Cynon Taf • Sir Benfro • Sir Ddinbych • Sir Fynwy • Sir Gaerfyrddin • Sir y Fflint • Torfaen • Wrecsam • Ynys Môn