'S e fear de na 22 ùghdarrasan ionadail aonadach anns a' Chuimrigh a th' ann an Gwynedd [ˈɡwɨnɛð]. Tha e suidhichte san iar na dùthcha agus tha e cho mòr ri 2.535km² [1] agus ann an 2012 bha 122.142[1] duine a' fuireach ann. 'S e Gwynedd an dàrna roinn as motha anns a' Chuimrigh, ach chan eil mòran daoine a' fuireach ann. Tha Cuimris aig mòran dhiubh. Tha oilthigh Prifysgol Bangor (Bangor University) ann am Bangor.

Gwynedd
principal area of Wales
Cur air cois1 dhen Ghiblean 1974 Deasaich
MottoCadernid Gwynedd Deasaich
DùthaichRìoghachd Aonaichte Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailA' Chuimrigh Deasaich
Siorrachd eachdraidheilMerionethshire Deasaich
Faisg air an uisgeCaernarfon Bay, St George's Channel, Cardigan Bay Deasaich
Domhan-leud is -fhad52°50′0″N 3°55′0″W Deasaich
AuthorityGwynedd Council Deasaich
Crìoch còmhla riIsle of Anglesey, Ceredigion, Conwy County Borough, Sir Ddinbych, Powys Deasaich
Language usedCuimris, Cuimris, Beurla Deasaich
Làrach-lìnhttps://www.gwynedd.llyw.cymru Deasaich
Roinn-seòrsa an deilbhCategory:Views of Gwynedd Deasaich
Category for mapsCategory:Maps of Gwynedd Deasaich
Map

Cruth na tìre deasaich

Tha an leth-eilean Llŷn ainmeil air sgàth 's na Tèarmannan Nàdair Nàiseanta aca. Mu 1.9 mìle (3.1 km) san iar-dheas Llŷn tha an t-eilean Ynys Enlli ann, an ceathramh eilean as motha anns a' Chuimrigh. S e àite cudromach a thaobh creideamh a th' ann agus tha Ynys Enlli ainmeil airson fiadh-bheathaichean cuideachd. Chaidh am Pàirce Nàiseanta Snowdonia a chur air bhonn ann an 1951.

Eachdraidh deasaich

Gu eachdraidheil tha e stèidhichte air an seann Rìoghachd Gwynedd [2] (Laideann: Venedotia no Norwallia; Cuimris mheadhanach: Guynet) a bh' ann bhon 5mh linn a-mach gu 1216. Mar sin thèid an t-ainm Gwynedd a chleachdadh cuideachd gu eachdraidheil is cultarach airson roinn nas farsainge, roinn a ghabhas Ynys Môn cuideachd, ann an ceann a thuath na Cuimrigh .

Bailtean deasaich

Seo cuid de na bailtean ann an Gwynedd:


Dealbhan deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. 1.0 1.1 Àireamh-shluaigh, àrainneachd ia dlùths nan ùghdarrasan ionadail anns a' Chuimrigh 30. 6. 2012 (Faidhle ZIP; 832 kB)
  2. Lewis, Timothy. A glossary of mediaeval Welsh law, based upon the Black book of Chirk. Univ. Press (Manchester), 1913.