Sir Benfro
'S e aon de na 22 ùghdarrasan ionadail aonadach anns a' Chuimrigh a th' ann an Sir Benfro. Tha e suidhichte anns an iar-dheas na dùthcha agus tha e cho mòr ri 1.619 km² [1] agus ann an 2012 bha 123.035 [1] duine a' fuireach ann.
Slighe Costa Sir Benfro
deasaich'S e frith-rathaid astair agus National Trail ann an Sir Benfro a th' ann an Slighe Costa Sir Benfro (Cuimris: Llwybr Arfordir Sir Benfro). Tha e mu 186 mìle (299 km) de dh'fhaid agus tha e a' leantainn iomall-fairge na sgìre gu ìre mhòr. Chaidh i a stèidheachadh ann an 1970. Tha Slighe Costa Sir Benfro na phàirt den t-Slighe Costa na Cuimrigh, frith-rathaid astair anns a' Chuimrigh eadar Cas-gwent is Y Fferi Isaf a bhios a' dol timcheall air costa na Cuimrigh air fad.
Àitichean inntinneach
deasaichMu dhà mhìle san àirde a deas air Bosherston tha seipeal ann ris an canar Cill Naomh Ghobhainn (Cuimris: Eglwys Sant Gofana). Chaidh a thogail ann an creag anns an 13mh linn ged a tha pàirtean ann a tha nas sine na sin, is dòcha às an 6mh linn, nuair a bha am manach Naomh Gobhainn a' fuireach ann an uamh ri taobh an t-seipeil.
'S e cruinneachadh de 7 tursachan mòra a tha rim faicinn ann am Pentre Ifan. 'S e sin a' chrom-leac as motha bho Linn Ùr na Cloiche anns a' Chuimrigh [2] agus a' chiad tè a chaidh a chlàradh mar Scheduled Ancient Monument an seo. Tha e suidhichte mu 5 km san àird an ear air Trefdraeth.
Bailtean
deasaichSeo cuid de na bailtean ann an Sir Benfro:
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Àireamh-shluaigh, àrainneachd is dlùths nan ùghdarrasan ionadail anns a' Chuimrigh 30. 6. 2012 (Faidhle ZIP; 832 kB)
- ↑ "PENTRE IFAN CHAMBERED TOMB, NEAR NEVERN". coflein.gov.uk. 2014. Retrieved 10.6.2014.
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help)
Abertawe • Blaenau Gwent • Bro Morgannwg • Caerffili • Casnewydd • Castell-nedd Port Talbot • Caerdydd • Ceredigion • Conwy • Gwynedd • Merthyr Tudful • Pen-y-bont ar Ogwr • Powys • Rhondda Cynon Taf • Sir Benfro • Sir Ddinbych • Sir Fynwy • Sir Gaerfyrddin • Sir y Fflint • Torfaen • Wrecsam • Ynys Môn