Abertawe
Abertawe | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | A' Chuimrigh |
Ceàrn | Ceann a deas na Cuimrigh |
Sgìre | Abertawe |
Co-chomharran | |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 11,514 (2011) |
Tha am baile Abertawe (Cuimris: [abɛrˈtʰawɛ], Beurla: Swansea ['swɒnzi]) anns a' Chuimrigh.[1] Tha an t-ainm Cuimris a' ciallachadh "Inbhir Tawe" ('s e Tawe ainm na h-aibhne a tha a' ruigsinn na mara ann an Abertawe). Tha an t-ainm Beurla a' ciallachadh "Eilean Svein", ged-tà. 'S e Abertawe an dàrna baile as motha anns a' Chuimrigh agus an 26mh baile as motha anns an Rìoghachd Aonaichte.[2]
'S e aon de na h-Ùghdarrasan ionadail th' ann an Abertawe cuideachd. Mar gach àite anns a' Chuimrigh, tha dà ainm oifigeil aig an sgìre, 's e Dinas a Sir Abertawe a tha e anns a' Chuimris, agus 's e City and County of Swansea gu h-oifigeil ris anns a' Bheurla. Ann an 2011 bha 239,000 duine a' fuireach anns an siorrachd seo.[3] Mar sin 'S e Abertawe san dàrna àite a rèir àireamh-sluaigh anns a' Chuimrigh an dèidh Caerdydd.
Tha Bàgh Caswell (Cuimris: Bae Caswel) faisg air Abertawe. Tha am bàgh suidhichte san ear-dheas air leth-eilean ris an canar Penrhyn Gŵyr sa Chruimris, no Gower Peninsula sa Bheurla. Tha tràigh le gainmheach ann agus fhuair e inbhe Blue Flag gu tric. Tha Comhairle Baile Abertawe a' solarachadh seirbhisean luchd-teasairginn ann am Bàgh Caswell a h-uile latha dhen t-seachdain eadar an Cèitean is an t-Sultain.[4] Bho 1972 a-mach 's e Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail (ISSS) na Cuimrigh a th' ann am Bàgh Caswell.[5]
Daoine ainmeil
deasaich- Carwyn Jones, neach poileataigs agus Prìomh-mhinistear na Cuimrigh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Enwau Lleoedd; Canolfan Bedwyr; a' tarraing air 20-04-2014
- ↑ "UK: 1000 Largest Cities by population". The Geographist. Retrieved 12.1.2014.
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) - ↑ "2011 Census: Release of Initial Results" (PDF). City and County of Swansea Research and Information Unit. Retrieved 26.6.2012.
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) - ↑ "Beaches & outdoor". City and County of Swansea. Retrieved 11.6. 2014.
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help) - ↑ Gwefan Cyngor Cefn Gwlad Cymru (bellach 'Cyfoeth Naturiol Cymru');. A' tarraing air 25.10.2013 (Cuimris)