Mòinteach Raineach
'S e mòinteach bhog àrd ann an Loch Abar a th' anns a' Mhòintich Raineach. Tha i mu 50 mìle ceàrnagach agus i e na làighe air àird an iar Loch Raineach air a' Gàidhealtachd. Tha i clàraichte mar àite nàiseanta dualchais.[1]
Tha a' Mhòinteach Raineach ainmeil airson bheathaichean agus lusan sònraichte, gu h-àraidh Roid Raineach (Laideann: Scheuchzeria palustris) a fhuair ainm bhon àite. Tha a' mòinteach a' cur dragh mòr air innleadairean a thogas rathaidean agus rathaidean-iarainn. Nuair a chaidh rathad-iarainn iar na h-Alba a thogail thairis air a' mhòintich, bha aca ris a thogail air làr de dh'fhiodh, freumhan agus mìltean de thunnaichean de thalamh agus luaithre.
Tha am prìomh-rathad A82 a' dol tron Mhòintich Raineach eadar a' Chrìon Làraich agus an Gearasdan. Chithear Lochan na Stainge gu taobh an iar an rathaid, agus tha Loch Buidhe san àird an iar dheth. Chun an ear tha Loch Bà ri fhaicinn agus nas faide air falbh tha Loch Laidon ann.
Tha Slighe na Gàidhealtachd an Iar a' dol tron Mhòinteach Raineach eadar a' Chrìon Làraich, Taigh an Rìgh agus Ceann Loch Lìobhann.
Far a bheil a' mòinteach an-diugh bha an èigheanach-shiubhail mu dheireadh ann am Breatainn aig deireadh na linn-deighe mu dheireadh. Air sgàth sin tha an talamh fhathast ag èirigh 2-3mm gach bliadhna.
Iomraidhean
deasaich- ↑ 92. Rannoch Moor, National Heritage Designations in Scotland. The Scottish Office. 1998.
Bailtean | Àrasaig • Àth Tharracail • Baile a' Chaolais • Banbhaidh • An Caol • A' Chorpaich • Cille Chòmhain • An Gearasdan • Gleann Fhionnainn • Inbhir Aoidhe • Malaig • Mòrar • An Sàilean • Sròn an t-Sìthein |
Lochan | An Linne Dhubh • Loch Iall |
Sgìrean | Gleann Comhann • Glinn Eilg • Mòinteach Raineach • Bràigh Loch Abar • Cnòideart • Mòrar a Tuath • Mòrar a Deas • Mùideart • Àird nam Murchan • Suaineart • A' Mhorbhairne • Àird Ghobhar |