Co-chomharran: 56°36′14″N 4°46′09″W / 56.603894°N 4.769034°W / 56.603894; -4.769034

'S e loch ann an Alba a tha ann an Lochan na Stainge neo Lochan na-Sting.[1] Tha e suidhichte faisg air an A82 ann am Mòinteach Raineach, a' Ghàidhealtachd. Tha Loch Buidhe san àird an iar-dheas dheth agus Loch Bà san ear.

Sealladh air Lochan na Stainge
Suidheachadh
Suidheachadh
Lochan na Stainge
Suidheachadh Lochan na Stainge air a' Ghàidhealtachd

Tha an loch mu 0,5 mìle (804 m) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na 700 slat (643 m) aig an àite as leathainne. San fharsaingeachd tha e mu 250 slat (228 m) a leud. Tha Lochan na Stainge beagan nas motha na 51 acair agus tha an àrainn drèanaidh dìreach aige cho mòr ri gu bhith 2/3 mìle ceàrnagach (1.7 km²). Ach tha e a' gabhail a steach an t-uisge bho Loch Buidhe cuideachd, mar sin tha an àrainn drèanaidh uile gu lèir cho mòr ri 12 mìle ceàrnagach. Tha dà phàirt ann an Lochan na Stainge le àite caol anns a' mheadhan eatarra far a bheil an t-uisge gu math eu-domhain, mu throigh a-mhàin. 'S e 5 troigh (1.5 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 8 troigh (2.4 m) aig an àite as doimhne sa tuath agus le 14 troigh (4.2 m) sa deas.[1]

Tha bàrr uisge an locha timcheall air 970 troigh (295 meatair) os cionn na mara. Thèid an loch a lìonadh le Abhainn Bà san iar-dheas agus sruthaidh an t-uisge a-mach às an loch seo chun an ear gu Loch Bà. Tha trì eileanan mòra is feadhainn beaga ann an Lochan na Stainge.

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 60, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Ceanglaichean a-mach

deasaich