A' Chàisg
'S e a’ Chàisg an fhèis as cudthromaiche ann am bliadhna na h-Eaglaise Crìosdail. Is e seo an latha air a bheil muinntir na h-Eaglaise a’ còmharrachadh aiseirigh Ìosa Crìosd.
Bidh ceann-latha na Càisge ag atharrachadh gach bliadhna. 'S e Di-Dòmhnaich an dèidh na ciad gealaiche làin as t-Earrach nuair a bhios a’ Chàisg ann. Mar sin bidh i ann eadar 22mh am Màirt agus 25mh an Giblean.
Ainm
deasaichNuair a bithear a’ coimhead air an ainm "Càisg" anns na cànanan diofraichte, chithear gu bheil dà sheòrsa ann, ainmean ceangailte ri “Pessach” agus ainmean ceangailte ri “Ostern/Easter”.
Tha dlùth-cheangal ann eadar an fhèis Chrìosdail agus an fhèis mhòir Iùdhaich “Pessach”. Dh’atharraich am facal Ebhra Pessach gu Pascha sa Ghreugais agus gu Laidinn. Ann an tòrr chànanan Eòrpach cleachdar ainmean a tha ceangailte ris an fhacal Laidinn, mar eisimpleir canar la Pascua san Spàinntis neo Pasqua san Eadailtis, påsk san t-Suainis, Ruiseis: Пасха (= Pas-cha) ris an fhèis seo.
'S e an aon rud anns na cànanan Breatannach. Canar Pasg ann an Cuimris agus Pask ann am Breatainnis agus ann an Còrnais. Chaidh am facal Breatannach iosaid bhon Laidinn, agus chun na Gàidhlige Àrsaidh, agus am fuaim /p/ air atharrachadh gu Q /kw/ (an Linn Oghaim). Dh'atharraich am fuaim /kw/ gu /k/ ro àm na Seanghaeilge, mar sin ‘s e Càisg ann an Gàidhlig, Cáisc sa Gaeilge agus Caisht ann an Gàidhlig Mhannain.
Tha cùisean rud beag eadar-dhealaichte leis an ainm “Ostern” anns a' Ghearmailtis neo “Easter” sa Bheurla.
A-rèir an Duden (faclair briathrachas na Gearmailtis) thàinig an t-ainm Ostern bhon Seann Ghearmanais Austrō a tha a’ ciallachadh "Morgenröte" (dearg na maidne). Is dòcha gum b’ e fèis Ghearmanach aig tòiseach an Earraich a bha ann airson ùrram a thoirt do dh’ Ostara (neo Ēostre sa Bheurla), ban-dhia phaganach. Nochd am facal "Ēostra" sa’ chiad turas sa bhliadhna 738 aig Beda Venerabilis, manach is eachdraiche à Northumbria. Bha esan den bheachd gun robh na seann tràdaiseanan timcheall air Ostara agus ainm mios a’ Ghiblein (Ēosturmanoth aig an àm seo) ceangailte ri chèile.[1][2] Sgrìobh e:
„Eostur-monath, qui nunc paschalis mensis interpretatur, quondam a dea illorum, quae Eostrae vocabatur, et cui in illo festa celebrabant, nomen habuit; a cuius nomine nunc paschale tempus cognominant, consueto antiquae observationis vocabulo gaudia novae solemnitatis vocantes“.[3] (Eostur-monath has a name which is now translated Paschal month, and which was once called after a goddess of theirs named Eostre, in whose honour feasts were celebrated in that month. Now they designate that Paschal season by her name, calling the joys of the new rite by the time-honoured name of the old observance.)
Ged nach eil na h-eachdraichean cinnteach idir, idir san latha-diugh an robh ban-dhia le ainm Ostara riamh ann neo nach robh, tha sin a’ sealltainn gun robh tòrr de na seann tràdaiseanan paganach a’ tighinn a-steach don chreideamh Chrìosdail.
Dh’atharraich an t-ainm "Ēostra" an uair sin ann an Seann Àrd Ghearmailtis gu ôstarun agus ann an Seann Bheurla gu Ēastre. Ged a chleachdadh an t-ainm pāsche timcheall air Köln anns a' Ghearmailt, bha buaidh mhòr le Bonifatius, àrd-easbaig Mhainz, a bha a’ cleachdadh ôstaruna a-rèir an tràdaisein aige-san. Tro na linntean dh’atharraich am facal a-rithist gu Ostern anns a' Ghearmailtis agus gu Easter ann am Beurla.
Cleachdaidhean anns a’ chreideamh Chrìosdail
deasaichA-rèir nan eaglaisean Crìosdail tha a' Chàisg a' tòiseachadh tràth sa mhadainn, nuair a chunnaic na boireannaich an uamh fhalamh. Tha e sgrìobhte anns a' Bhìoball: "Agus thàinig iad gu ro mhoch air madainn a’ cheud là de’n t-seachduin chum na h-uaighe, aig éirigh na greine". [4] Mar sin bidh aifreannan na Càisge a’ tachairt oidhche Di-Dòmhnaich (uaireannan oidhche Shathairne) neo aig èirigh na grèine Di-Dòmhnaich. Mar as trice thèid teine beag a losgadh air beulaibh na h-eaglaise, far an losgar coinneal na Càisge mus tèid an luchd creideamh a-steach dhan eaglais. Le coinneal na Càisge bidh an sagart a’ coisrigeadh an uisge-choisrigte ùir anns an aifreann.
Tha èirigh na greine na phàirt cudthromach ann an tradaisean na Càisge. Anns a’ chreideamh Chrìosdail 's e ìomhaigh a th’ ann gum bi a h-uile duine ag èirigh an dèidh bàis. Tha e a’ nochdadh ann an òrain na h-eaglaise neo ann an dealbhan cuideachd.
Ach tha Uan na Càisge, ìomhaigh na Càisge eile, a’ sealltainn a cheangail ris a’ chreideamh Iùdaich. Tha Uan na Càisge a thoirt dhuinn cuimhne air an tradaisean Iùdaich uan ìobradh aig fèis Phessaich.
Cleachdaidhean tradaiseanta
deasaichTeine na Càisge
deasaich'S e turlach mòr a tha ann an "Teine na Càisge" a thèid a losgadh oidhche na Càisge. Tha e gu math cumanta anns a' Ghearmailt, anns an Òlaind, anns an Danmhairg is anns an t-Suain agus anns na dùthchannan anns na h-Alpanan.
Cruinneachear fiodh, craobhan, sgudal às na gàrraidhean is seann chraobhan na Nollaige agus nithear cruach mhòr. Uaireannan cuirear ban-bhuidseach à sràbh oirre. Bidh muinntir na coimhearsnachd a' coinneachadh ri chèile, mar as trice bidh iad ag òl leann neo fìon teth agus bidh rudeigin ri ithe ann cuideachd (brot neo isbeanan). Uaireannan tha co-fharpais ann eadar na bailtean beaga air feadh nan coimhearsnachdan cò aig a tha a’ chruach as motha.
Mar as trice thèid an teine a losgadh oidhche Shathairne ro Di-Dòmhnaich na Càisge. Ach tha àitichean eile ann far am bi an teine a’ losgadh Di-Dòmhnaich neo Di-Luain na Càisge.
Tha an tràidisean gu math sean, tha cladhaichean anns an Eilbheis agus anns an Damhairg a’ sealltainn gun robh àitichean-teine ann a chaidh a chleachdadh anns an aon dòigh mar aig Linn an Uamha.
Tha na eachdraichean den bheachd gun tàinig an tràdaisean seo bho na seann làithean ron chreidheamh Chrìosdail. Dhèanadh teine airson an samhradh fhuadach agus an sìol a dhìon an aghaidh thaibhsean dona. Chuireadh an luath air na h-achaidhean an uair sin.
Bha na ciad tùsan sgrìobhte mu teine na Càisge a’ nochdadh anns an 17mh linn. Chithear eisimpleir ann an Westfalen, a' Ghearmailt: “Bha am Bauernschaft Menninghausen (coimhearsnachd nan tuathanaich) ann an Oelde a’ cumail an "ostara fiur" (teine na Càisge ) airson "nahgiburo" (nàbhaidhean ) agus "friuntschaft" (caraidean) ann an 1664.”
Ugh na càisge
deasaich'S e ugh bruichte a tha ann an ugh na Càisge. Mar as trice thèid a dhathadh, ach uaireannan thèid a sgeadachadh ann an dòigh eile. 'S e tradaisean a tha ann, ugh na Càisge a thoirt do dhuine eile mar ghiftean aig Latha na Càisge. An-diugh bidh na bùthan a’ reic uighean na Càisge à seoclaid cuideachd.
A-rèir tradaisein paganaich 's e ìomhaigh-bheatha a tha ann an ugh na Càisge. Bha agus tha an tràdaisean, uighean a dhathadh, gu math cumanta air feadh na h-Eòrpa.
Bho na Meadhan Aoisean bhruicheadh na h-uighean aig àm a’ Charghais, air sgàth 's gun robh e toirmisgte an ithe a-rèir a’ chreideimh. Aig an aon àm thòisich na circean uighean a bhreith a-rithist, mar sin bhiodh na tuathanaich a’ bruich nan uighean airson an cumail maireannach. B’ fheudar do na tuathanaich cìs a phàigheadh do na daoine uaisle, aig latha Diardaoin a’ Bhrochain Mhòir, agus bhiodh iad a’ pàigheadh le uighean bruichte (a-measg rudan eile).
Nochd a’ chiad ìomradh sgrìobhte anns a’ bliadhna 1682. Sgrìobh an t-Ollamh Georg Franck von Frankenau pìos air an robh an t-ainm "De ovis paschalibus – von Oster-Eiern" (mu uighean na Càisge), far an robh e a’ sgrìobhadh mun tràdaisean seo ann an Alsace agus e a’ gearran nach biodh e math idir don t-slàinte cus uighean ithe.
Geàrr na Càisge
deasaichA-rèir beul-aithris bidh geàrr na Càisge a’ peantadh uighean is e gan breith anns na nid a chuireas clann anns na taighean neo anns na gàrraidhean.
Chan eilear cinnteach carson a tha geàrr ceangailte ris an tradaisean seo. Tha cuid a’ creidsinn gum b' e an t-ugh agus an geàrr ìomhaighean Ostara, tha feadhainn eile ag ràdh gur e dìreach ìomhaigh-bheatha às an tradaisean phaganach a th’ ann an geàrr.
Chithear cuideachd nach eil an geàrr cumanta anns a h-uile àite. Bho thùs chleachdadh beathaichean eile cuideachd. Anns an Eilbheis b’ e an cuthag a chuir na h-uighean anns na nid, anns a’ Ghearmailt, ann an Westfalen b’ e an sionnach a dhèanadh sin agus ann am Bohemia b’ e a’ chearc a rinn an obair sin.
Eile
deasaichGed ’s e sin na cleachdaidhean as cumanta, tha mòran eile dhiubh ann a tha a’ buntainn do ghach àite fhèin. Seo dìreach eisimpleir às an Oberlausitz:
- 'S e seann tràdaisean Sorbach a tha ann an Osterreiten (Marcachd na Càisge) a tha gu math cumanta an seo. Bidh na fir Caitligeach a’ marcachd bhon bhaile aca fhèin gu eaglais an ath-bhaile Di-Dòmhaich na Càisge. An uair sin bidh aifreann an sin. Anns a’ bhliadhna 2007 bha timcheall air 1700 marcach a’ gabhail pàirt anns an tachartas seo.[5] B’ e tradaisean paganach a bha ann, b’ àbhaist do na marcaich a mharcachd timcheall air na h-achaidhean aca airson “taibhsean a’ gheamhraidh” fhuadach.
- Bidh Ostereierschieben (Gluasad ugh na Càisge) ann am Bautzen Di-Dòmhnaich na Càisge. A-rèir an tràdaisein a tha nas sine na 400 bliadhna b’ àbhaist do na daoine uaisle uighean a chur car mu char sìos beinn Phrotschenberg, far am biodh clann bhochd a’ feitheamh riutha. 'S e deagh spòrs a tha ann airson giftean a thoirt ri chèile san latha an-diugh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Rudolf Simek: Lexikon der germanischen Mythologie, duilleagan 90, 73, 217. Foillsichte aig Alfred Kröner, Stuttgart 1984 ISBN 3-520-36801-3
- ↑ Karl Helm: Altgermanische Religionsgeschichte, Leabhar 2: Die Nachrömische Zeit; pàirt 2: Die Westgermanen. §§ 162 duilleag 277–280. Foillsichte aig Verlag Carl Winter, Heidelberg 1953.
- ↑ De temporum Ratione, Aonad 15, Beda Venerabilis ann am: Patriologiae cursus completus: Series Latina, leabhar 90, Paris 1862
- ↑ Marc, caib. XVI , rann 2, Tiomnadh Nuadh, Commun-Bhìobull Dùthchaill na h-Alba, Dùn Èideann agus Glaschu
- ↑ Schorch, Marén: "Rituelle und symbolische Inszenierung von Zugehörigkeit. Das sorbische Osterreiten in der Oberlausitz", ann an: Herbert Willems (foillsichear): Theatralisierung der Gesellschaft. Band 1: Soziologische Theorie und Zeitdiagnose, Wiesbaden: VS Verlag für Sozialwissenschaften, 2009, duilleag 331-354.