Pàrlamaid na h-Alba ro 1707
B’ e Pàrlamaid na h-Alba (Meadhan-Albais: Thrie Estaitis) a’ chomhdhail reachdaireachd ann an Rìoghachd na h-Albann, bho 1235 (no roimhe) gus an deach cur às dhì le Achd an Aonaidh air 1 an Céitean 1707. B’ tubaist mhór ionmhais an Darien Scheme fear de na prìomh adhbharan air sin. Às déidh Achd an Aonaidh chaidh Alba a riaghaladh le Pàrlamaid “Rioghachd Aonaichte na Breatainne Móire” ann an Cathair Westminster ann an Lunnainn, gus an deach Pàrlamaid ùr na h-Alba a chruthachadh ann an Taigh an Ròid ann an Dùn Èideann ann an 1999.