B' e neach-iomairt feimineach, bàrd agus sgrìobhadair às An Ucràin a bh' ann an Lesya Ukrainka (Ucràinis: Леся Українка, Fìor ainm: Larysa Petrivna Kosach, Novohrad-Volynskyi, 25 an Gearran 1871, Surami, 19 an t-Iuchar, 1913). Bhuinneadh i do theaghach uachdaran: bha a màthair na bàrd is na foillseachair agus bha a h-athair na neach-lagha agus na chomhairliche.[1] A bharrachd air Ucràinis bha Beurla, Bulgàiris, Eadailtis, Fraingis, Gearmailtis, Greugais, Laideann, Ruisis agus Pòlais aice. Thug Taras Shevchenko agus Ivan Franko buaidh uabhasach fhèin làidir oirrese.[2] Dh' fhoillsich i a' chiad phìosa bhàrdachd aice san iris Zorya ann an Lviv, nuair a bha i dìreach 13 bliadhna a dh' aois. B' fheudar dhi a cuid obrach fhoillseachadh thall thairis leis gu robh e mì-laghail sgrìobhadh neo fhoillseachadh ann an Ucràinis. Bha Ukrainka gu tur an aghaidh na Ruise agus monarcachd a, o chionns' gu robh i a' gabhail ri Marxachas. Chuir i Ucràinis air a' Mhanifesto Chomannach.[3]

Lesya Ukrainka
Beatha
Ainm slàn Лариса Петрівна Косач
Breith Novohrad-Volynskyi, 13 dhen Ghearran 1871 (Julian)
Dùthaich  An Ucràin
Bàs Surami (en) Translate, 1 dhen Lùnastal 1913
Àite-adhlacaidh Baikove Cemetery (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (Pott disease (en) Translate)
Teaghlach
Athair Petro Kosach
Màthair Olena Pchilka
Cèile Klyment Kvitka (en) Translate
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Cànain Fraingis
Ucràinis
Ruisis
Dreuchd
Dreuchd bàrd, eadar-theangair, sgrìobhadair agus sgrìobhaiche-dràma
Obraichean comharraichte The Forest Song (en) Translate
Far-ainmean Леся Українка
Gnè ealain verse drama (en) Translate
IMDb nm0880342

Iomraidhean

deasaich
  1. Horst Röhling: Lesja Ukrajinka und ihre Übersetzungen aus slavischen Literaturen, Zeitschrift für Slavische Philologie 36, Nr. 1 (1971).
  2. Украинка Леся, Большая советская энциклопедия, А. М. Прохоров, М. : Советская энциклопедия, 19691978.
  3. Florian Nieuważny, Fenomen Łesi Ukrainki, Łesia Ukrainka, Pieśń lasu, Państwowy Instytut Wydawniczy, Warszawa, 1989, ISBN 83-06-01787-0.
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: