Warszawa
Warszawa
| |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | a' Phòlainn | ||||
Ceàrn | Masovia | ||||
Co-chomharran | 52° 15′ Tuath 21° 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 517.24 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,726,581 (2014) | ||||
Dlùths | 3,338.07/km² | ||||
Àireamh fòn | (+48) 022 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.um.warszawa.pl |
Tha Warszawa (IPA: /varˈʃava/, Beurla: Warsaw, Gearmailtis: Warschau, Liotuànais: Varšuva, Latbhais: Varšava, Fraingis: Varsovie) na phrìomh-bhaile den Phòlainn. Anns a' bhliadhna 2014 bha 1,726,581 duine a' fuireach ann. Tha Warszawa 155km air falbh bho Lublin, 118km bho Łódź, 252km bho Kraków agus 280km bho Gdańsk.[1]
EachdraidhDeasaich
Chaidh an Còrdadh Càirdeis, Co-obrachaidh agus Cuideachaidh a-rèir a Chèile a chur air dòigh an seo air 14 an Cèitean 1955.
Bailtean Co-cheangailteDeasaich
- Berlin[2]
- Budapest [3]
- Chicago (Illinois)[4]
- Den Haag[5]
- Düsseldorf[6]
- Grozny[7]
- Hamamatsu[8]
- Hanoi[9]
- Harbin[10]
- Istanbul[11]
- Kyiv[12]
- Mosgo[13]
- Nursultan[14]
- Oslo[15]
- Riga[16]
- Rio de Janeiro[17]
- San Diego (Calafòrnia)[18]
- Sankt Peterburg[19]
- Seoul[20]
- Taipei[21]
- Tel Aviv[22]
- Toronto (Càirdeas)[23]
- Vienna[24]
- Vilnius[25]
Daoine ainmeilDeasaich
- Solomon Asch: (1907 – 1986) Inntinn-eòlaiche.
- Michał Bergson: (1820 – 1898) Ceòladair, athair Henri Bergson.
- Lech Kaczyński: (1949 - 2010), ceann-suidhe na Pòlainn. Chaochail ann an tubaist adhair ann an Smolensk
- Zbigniew Kazimierz Brzeziński: (1928) Stàitire.
- Marie Curie: (1867 – 1934) Tè-saidheans.
- Krystian Godfryd Deybel de Hammerau: (1725 – 1798) Saighdear.
- Kasia Domanska: (1972) Dealbhadair.
- Joana Flatau: (1928 – 1999) Inntinn-eòlaiche.
- Ryszard Kukliński: (1930 – 2004) Fear-brathaidh.
- Uri Orlev: (1930) Sgrìobhadair.
EachdraidhDeasaich
B' e Warszawa a' chiad bhaile a bhuail na Nàsach le bomaichean anns an Darna Cogadh. Thug iad ionnsaigh air a' bhaile air 1 an t-Sultain 1939. Fad mios, bha sèist air a' bhaile. Aig a' cheann thall air 1 an Damhair, choisich na Nasi a-staigh dhan bhaile.[26] Thug na Nàsaich na rudan luachmhor on Chaisteal Rìoghail mar dealbhan agus mhill iad an Caisteal.[27]
Le Warszawa fo smachd, thòisich na Nàsaich ag obair air 'an trioblaid Iudhach'. Chruthaich iad sgìrean dhen bhaile a bhiodh mar phrìosan mòr dha na h-Iudhaich, na ghetto. B' e a' ghetto Warszawa am fear as motha.[28] Eadar 22 an t-Iuchar agus 3 an Damhair 1942, ghluaiseadh 300,000 daoine bhon ghetto gu campaichean bhàis, mar an tric na campaichean ann Majdanek agus Treblinka. Ann an 1943, bha ar-a-mach anns a' ghetto ach chuir na Nazi às e air 16 an Cèitean 1943.[29]
Air 1 an Lùnastal 1944, thòisich ar-a-mach ann an Warszawa air fad an aghaidh Nàsachd. Mhair an ar-a-mach seo 63 làithean.[30]
Aistean co-cheangailteDeasaich
IomraidheanDeasaich
- ↑ Global Feed Distance Calculator
- ↑ Stadt Berlin
- ↑ Budapest Város
- ↑ SisterCities
- ↑ TwinCities Nederland
- ↑ Stadt Düsseldorf
- ↑ Grozny
- ↑ 浜松市
- ↑ Hanoi
- ↑ 哈爾濱
- ↑ İstanbul Büyükşehir Belediyesi
- ↑ Київ
- ↑ Москва
- ↑ Астана
- ↑ Oslo KommuneTeamplaid:Fix/category[dead link]
- ↑ Riga
- ↑ Geminação de cidades brasileiras
- ↑ SisterCities
- ↑ Санкт-Петербург
- ↑ 서울특별시
- ↑ 臺北市
- ↑ תל אביב
- ↑ Toronto
- ↑ Stadt Wien
- ↑ Vilnius
- ↑ Ciborowski 1962, d.11
- ↑ Ciborowski 1962, d.12
- ↑ Ciborowski 1962, d.12
- ↑ Ciborowski 1962, d.13
- ↑ Ciborowski 1962, d.14