Humza Yousaf
'S e neach-poileataigs à Alba agus a' chiad phrìomh-mhinistear Muslamach a tha ann an Humza Yousaf BPA.
Rugadh e ann an Glaschu ann an 1985. Bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu far an do dh'ionnsaich e poileataigs. Dh'obair e mar chuidiche pàrlamaideach mus deach e thaghadh mar BhPA airson Glaschu air an liosta Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ann an 2011. An dèidh sin dh'fhrithealaich e air na comataidhean airson ceartais agus sgrùdaidh phoblach gu 2012. Chaidh e na BhPA airson Glaschu Pollaig ann an 2016 agus na Mhinistear airson Còmhdhalach agus nan Eilean an dèidh don taghadh. An dèidh sin bha e na Rùnaire airson Ceartais. Bha e na Rùnaire airson Slàinte eadar an taghadh ann an 2021 is nuair a bhuannaich e ceannardas a' phàrtaidh ann an 2023.[1]
Chaidh e na cheannard SNP agus na phrìomh-mhinistear na h-Alba sa' Mhàirt 2023. Cha do ghabh Ceit Fhoirbeis, a bha anns an dàrna àite an dèidh do Mhgr Yousaf ann an taghadh ceannardais, dreuchd mar rùnaire nan cùisean dùthchail is thill i gu na beingean-cùil. Chaidh Seòna Robasdan na leas-phrìomh-mhinistear.[2]
Ceanglaichean a-machDeasaich
- “Humza Yousaf MSP, Glasgow Pollok”. They Work for You. Air a thogail 29mh dhen Mhàrt 2023.
IomraidheanDeasaich
- ↑ “Humza Yousaf”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ “Caibineat ùr air a thaghadh”, Naidheachdan a' BhBC. 29mh dhen Mhàrt 2023. Air a thogail 29mh dhen Mhàrt 2023.
Buill sgìreil | Bob Doris (Glaschu Cnoc Màiri agus Allt an Fhuarain) • Seumas Ó Dornáin (Glaschu Cathcart) • Clare Haughey (An Ruadh-Ghleann) • Bill Kidd (Glaschu Fearann Anna) • Iain Mason (Glaschu Baile Nighean Sheadna) • Ivan McKee (Glaschu Provan) • Nicola Sturgeon (Glaschu Taobh a Deas) • Kaukab Stewart (Glaschu Ceilbhinn) • Humza Yousaf (Glaschu Pollaig) |
Buill liosta | Patrick Harvie • Paul Sweeney • Pam Duncan-Glancy • Pauline McNeill • Anas Sarwar • Sandesh Gulhane • Annie Wells |