Nicola Sturgeon
'S e neach-poileataigs Albannach, Prìomh Mhinistear na h-Alba, agus ceannard a' Phàrtaidh Nàiseanta a tha ann an Nicola Ferguson Sturgeon, BPA (rugadh 19 an t-Iuchar 1970). Mar Bhall Pàrlamaid na h-Alba tha i a' riochdachadh Glaschu Taobh a Deas.
Rugadh Nicola Sturgeon ann an Irbhinn, Siorrachd Àir, fhuair i a cuid sgoile aig Acadamaidh Greenwood, agus choisinn i ceum LLB (Urram) ann an lagh agus Dioplòma ann an Gnàthas Lagha aig Oilthigh Ghlaschu. Bha i ag obair ’na neach-lagha aig Ionad Comhairle Lagha is Airgid ann an Druim a' Chapaill, Glaschu mus deach a taghadh mar bhall-pàrlamaid roinneil airson baile Ghlaschu ann an 1999. Riochdaich i Glaschu mar bhall liosta eadar 1999 is 2003 agus Glaschu Baile a' Ghobhainn mar bhall roinne-phàrlamaid eadar 2007 agus 2011 nuair a chaidh na crìochan taghaidh atharrachadh agus tha i a-nis a' riochdachadh Glaschu Taobh a Deas.[1]
Ann an Riaghaltas na h-Alba bha i ann an dreuchd Rùnaire Caibineit na Slàinte eadar an Céitean 2007 agus an t-Sultain 2007, agus ann an dreuchd Rùnaire Caibineit airson Bun-structair In-ionmhais agus Bhailtean le dleastanasan airson ro-innleachd an riaghaltais agus na bun-reachd gus an t-Samhain 2014. Bha i cuideachd 'na Leas-phrìomh-mhinistear aig an àm sin.
Chaidh a taghadh mar Cheannard Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air 14 an t-Samhain 2014 agus ghabh i dleastanasan a’ Phrìomh Mhinisteir os làimh air 20 an t-Samhain 2014. Thug i seachad Òraid an t-Sabhail aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2015.[2] Tha i a' fuireach ann an Glaschu cuide ris an duine aice, Peter Murrell, àrd-oifigear gnìomha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.
Ceanglaichean a-machDeasaich
- BBC Naidheachdan: Sùil air: Nicola Sturgeon
- BBC Naidheachdan 2015-10-21: Am Prìomh Mhinistear aig Sabhal Mòr Ostaig
- “Nicola Sturgeon MSP, Glasgow Southside”. They Work for You. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2017.
IomraidheanDeasaich
- ↑ “Personal Information”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ “Òraid an t-Sabhail 2015 / SMO Lecture 2015”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 19mh dhen Iuchar 2017.
Buill sgìreil | Bob Doris (Glaschu Cnoc Màiri agus Allt an Fhuarain) • Seumas Ó Dornáin (Glaschu Cathcart) • Clare Haughey (An Ruadh-Ghleann) • Bill Kidd (Glaschu Fearann Anna) • Iain Mason (Glaschu Baile Nighean Sheadna) • Ivan McKee (Glaschu Provan) • Nicola Sturgeon (Glaschu Taobh a Deas) • Sandra White (Glaschu Ceilbhinn) • Humza Yousaf (Glaschu Pollaig) |
Buill liosta | Patrick Harvie • James Kelly • Seonag NicLaomainn • Pauline McNeill • Anas Sarwar • Adam Tomkins • Annie Wells |
Seumas Uallas (7 an Cèitean 1999 gu 23 an t-Ògmhios 2005), Nicol Stephen (27 an t-Ògmhios 2005 gu 16 an Cèitean 2007), Nicola Sturgeon (16 an Cèitean 2007 gu 19 an t-Samhain 2014), Iain MacShuibhne (làithreach o 21 an t-Samhain 2014)
William Wolfe (1969-1979), Gordon Wilson (1979-1990), Ailig Salmond (1990-2000), Iain MacShuibhne (2000-2004), Ailig Salmond (2004-2014), Nicola Sturgeon (2014-)