Cleachdaiche:AnSiarach/Gaidhlig
Gàidhlig (Gàidhlig na h-Alba) | |
---|---|
Air a'bhruidhinn ann an: | Alba, Canada |
Roinnean: | Alba : A' Ghàidhealtachd, Na h-Eileanan an Iar, agus pàirt mhòr den t-sluagh a fuireach ann am bailtean mòr a'Ghalldachd
Canada : Eilean Cheap Bhreatainn, Alba Nuadh |
Aireamh de dh'Fhileantaich: | 58652 (seallaibh cuideachd fo ceanglaichean a-mach gu h-ìosal) |
Rangachadh: | Chan eil ì am bàrr a'chiad ceud cànanan |
Teaghlach Cànanach: | Ind-Eòrpach Ceilteach |
Seasamh Oifigeach | |
Cànan Oifigeil an: | Alba |
Air a riaghladh le: | Bòrd na Gàidhlig |
Samhlaidhean nam cànan | |
ISO 639-1 | gd |
ISO 639-2 | gla |
SIL | GLS |
'S e pairt den teaghlach de chànain Ceilteach 'Goidelic' a th'anns a' Gàidhlig. Tha Goideleach a' gabhail a-steach na cànain Gaidhealach gu leir ; Gàidhlig na h-Alba, Gàidhlig na h-Eireann no Gaeilge, agus Gàidhlig Eilean Mhanainn no Gaelg Vanninagh agus gu dearbh chan eil anns am facal "Goideleach" ach sean fhacal a tha a ciallachadh "Gaidhealach". Tha a h-uile cànan Gaidhealach air fàs bho'n sean Ghàidhlig a bha air sinnsearan a bruidhean 'o chionn coir is mìle bliadhna - an cànan ris an canar "Old Irish" mar is tric 'sa Bheurla ged a bhiodh "Old Gaelic" nas cuimseach. Ann an Alba mar is àbhaist 's e "Scottish Gaelic", "Scots Gaelic" no gu tric "Gaelic" a-mhain a' bhios daoine ag èigheach air an cànan. Air taobh a-muigh Alba bidh feadhainn ag ainmeachadh a'Ghàidhlig mar "Scottish" no "Scots" ach chan eil seo cumanta ann am Beurla na h-Alba oir tha ceangal an dàra facal seo air atharrachadh tarsainn air na linntean gu bhidh ciallachadh a'Bheurla Ghallda ris an canar "Scots", "Lowland Scots" no "Lallans" is "Doric" 'sa chàinnt fhèin.
'Se a'Ghàidhlig an cànan dualchasach aig na Gàidheil agus tha ceangail daingean aige ris a'Ghaeilge a tha air a bhruidhinn ann an Eirinn. 'S e cànan eachdraidheal a'chuid mhòr de dh'Alba a th'anns a'Ghàidhlig agus s'ann airson na sean Ghàidheil, a bha ainmichte mar "Scotti" le na Goill ann an Laideann, a chaidh Alba ainmeachadh mar Scotia no Scotland anns na cànain Gallda. Chan eil cinnteas ann mu dè cho fada 'sa tha eachdraidh a'Ghàidhlig ann an Breatainn a tuath ach tha feadhainn air an smuain a'chuir air adhart gun robh ì air a bhruidhinn anns an Earra-Ghaidheal robh tighean nan Ròmanaich ach chan eil co-aonta ann air an cuspair seo. Co-dhiù, le stèidheachadh Rìoghachd Dhál Riata mu àm an 4mh linn, a deanamh ceangal eadar an sean roinn de dh'Ullaidh ann an taobh a tuath Eirinn agus taobh a siar Alba dh'fhàs cùmhachd agus sgaoil a'Gàidhlig agus bha buaidh mhòr aig an eaglais Gaidhealach air an cànan sineadh a-mach tarsainn air Breatainn a tuath. Tha dearbhadh ainmean-àite a sealltainn gu robh a'Ghàidhlig air a bruidhinn anns an Gall-Ghàidhealaibh mu'n 5mh no 6mh linn.
An dèidh grèis ghabh a'Ghàidhlig àite cànan nan Cruithnich gu tuath an Uisge For agus cho fadalach ris an 15mh linn 'se Scottis an t-ainm a bh'air anns a'Bheurla. Thoisich Gàidhlig a crìonadh ann an tìr-mhòr Alba mu thoiseach an 13mh linn agus leis a seo thoisich ì a call a h-inbhe mar cànan nàiseanta agus mu thoiseach an 15mh linn bha sgeul air tighean Mì rùn mhòr nan Gall agus cò-strì eadar na Albannaich Gaidhealach agus na h-Albannaich Goille.
'S na bliadhnachan mhoch 'san 16mh linn dh'atharraich na Goill ainm a'Ghàidhlig bho Scottis gu "Erse" (a ciallachadh Eirinneach) agus bho'n uairsin 'se buidhean de dhual-chainntean a dh'fhàs bho'n sean Beurla ris an canar Beurla Mheadhanach no "Middle English" ann am Beurla an latha an diugh a bha air am bruidhinn am broinn Rìoghachd na h-Alba a bha air an ainmeachadh mar Scottis ( agus bhon an sin Scots). Ge-ta, tha àite fhathast aig a'Ghàidhlig ann an dualchas na h-Alba agus cha do chaill ì a-riamh gu lèir a h-inbhe mar cànan nàiseanta na h-Alba agus ioma Albannach ag aithneachadh a h-àite cudthromach 'san dùthaich agus eachdraidh an dùthcha gun diofar a bheil a'Ghàidhlig aca fhèin ach le feadhainn eile a coimhead sios air mar cànan roinneil gun àite no eachdraidh ach anns a'Ghaidhealtachd agus an Innse Gall.
agus tha a' chinneadh a' fuireach 'sa Gàidhealtachd an-dràsda. Fhathast, tha 'n cànan cuid àraidh a' cluiche 'san dualchas na h-Alba, 'gus tha a' chuid nan Albannach as motha a' cur luach oirre, co-dhiù th'iad ga tuigsinn no chan eil. Tha dualchas làidir, beartach aig Gàidhlig, le beul aithris, am measg rudan eile, a choinn 's gun robh i na cànan aig clann a Ghàidhealtachd airson linntean. Fhathast, dh'fhuiling an cànan le a sluagh 'gus a dhualchas fhad 's bha iad fo sgiùrsadh, gu h-àraidh 'n dèidh do 'n Cùil Lodair agus Fuadachadh na Gàidhealtachd. A dh'aindeoin claon-bhàigh gu bheil a' dèanamh dàil, tha 'n cànan a' faodainn aideachadh cultarach 's oifigeil nas fheàrr.
Bha a Ghàidhlig air a bruidhinn 'sa Ghalldachd an crìoch dheasach agus an Iar na h-Alba mus do chuir A' Bheurla Ghallda fhas dhan Gàidhlig tarsainn air a Ghalldachd. Bha Gàidhlig fhathast air a bruidhinn anns a Ghalldachd shuas chun an Ochdamh Linn Deug anns a Ghall-Gàidhealaibh.
Faclan iasadach
deasaichTha a' chuid as motha de faclan na Gàidhlig Ceilteach dualach. Tha mòran iasadachdan às an Laideann, (muinntir, Didòmhnaich), Grèigeis sheann, gu h-àraidh roinn diadhaidh (eaglais, Bìoball from Ekklesia & Biblos), Lochlannais (eilean, sgeir), Eabhra (Sàbaid, Aba) agus Beurla a'Ghallda (briogais, aidh).
Tha oidhirpean air an dèanamh an cànan ùrachadh trobh a' cruthachadh nua-fhacal a bheanas ris na bun-smuainean nuadh, ach mar is abhaiste tha am facal Beurla air a ghabhail ri trice agus tha oidhirp air dèanamh a dh'aodachadh am facal sa' cheart--sgrìobhaidh cuideachd air chleachdadh a bhith). Ged chleachdadh fileantaich facal Beurla gu tric nuair tha am mac-samhladh gu cùl math sa' Ghàidhlig, gabhaidh iad, gun smaoineachadh, ris am facal Beurla gu soilleir sgrìobhadh na Gàidhlig - chan eil daonnan buadhach: telebhisean 'o television (b'urrainn do cian-dhealbh cuideachd air chleachdadh a bhith), mar eisimpleir ; coimpiùtar 'o do computer (b'urrainn aireamhadair, bocsa-fiosa no bocsa agus a chleachdadh leis na riaghailtean a' ghràmar na Gàidhlig, mar dh'fheumadh an suidheachadh. Leis na gnìomhairean, mar eisimpleir, cuiridh iad gu socrach an leasachan briadhrach (-eadh, no, 'san Leòdhas, -igeadh, mar, Tha mi a' watcheadh (Leòdhas, watchigeadh) an telly (an àite "Tha mi a' coimhead air a' chian-dhealbh"). Tha seo air shealladh cho gluasad iomagaineach le roinn nam fileantach, ach 's e ùidheil a chomharrachadh gun robh an t-aogas seo ceudna air thoirt fa-near air leis am ministear a chruinnich an t-ionnran a' pasgadh 'n sgìre na Steòrnabhagh 'san leabhar An Nuadh Ionnran Àireamhail na h-Alba, foillsichte ro ceud bliadhna 's seachdad o chionn!
A' dol 'san cùrsa eile, tha Gàidhlig air a Bheurla Gallda is Beurla air stiùireadh, gu h-àraidh Beurla Cumanta Albannach. Tha faclan iasadach a' toirt a-staigh: whisky (uisge), slogan (sluagh-ghairm), brogue (bròg), jilt, clan (clann), strontium, trousers, cho math ri comharraidhean-iùil eòlach air eòlas-tìre na h-Alba mar ben (beinn), glen (gleann) agus loch. Tha Gaeilge cuideachd air stiùireadh Beurla Ghallda is Beurla 'san Alba, ach chan eil furasta a chomharrachadh a stiùireadh às a' Ghàidhlig. Seallaibh An Clàr nam Faclan Beurla Bhun na Gàidhlige
Freumh: An Facail Freumh-Fhaclach na Gàidhlige, Alexander MacBain (Alasdair MacBàn).
Eadar-Dhealachaidhean le Gàidhlig agus Gaeilg
deasaichEisimpleirean:
Gàidhlig (Leòdhas) - Dè mar a tha thu?
Gàidhlig Coitcheann — Ciamar a tha thu?
Gaeilge (Uilaidh) — Caidé mar a tá tú?, air a no Cad é mar atá tú?
Gaeilge Coitcheann — Conas atá tú?
Gàidhlig - Chan eil airgead agam.
Gaeilge - Níl airgead agam
Gàidhlig na h-Eirinn (Gaeilge) : Gàidhlig na h-Alba
Gael : Gaidheal
lá : latha
oíche : oidhche
isteach : a-steach
scoil : sgoil
páiste : pàiste
gan : gun
údarás : ùghdarras
oifig : oifis (air a neo oifig)
oscailte : fosgailte
bliain : bliadhna
raidió : rèidio (gath-cian-sgrìobhach)
rialtas : riaghaltas
parlaimint : pàrlamaid
oileán : eilean
Seallaibh cuideachd
deasaich- Gaidhealtachd
- Caochlaidhean eadar Gàidhlig agus Gaeilge
- Beurla Ghallda, an cànan Ghearmailtiseach na Galltachd
- An Mòd, an ainmeil fèill dhualchasach na Gàidhlige.
- Cànanan sa' Bhreatainn Mhòr
- An Leabhar na Fèidh
- William J. Watson(Uilleam J. MacBhàtair, sgoilear Gàidhlige
- Walter Scott MacFarlane(Bhàtair Scott MacPharthaláin)
Ceanglan a-muigh
deasaich- Ionnsaich Gaidhlig, Learn Gaelic
- Pàrlamaid na h-Alba [1]
- Comataidh Craolaidh Gaidhlig [2]
- BBC Alba [3]
- BBC Alba - Beag air Bheag [4] Gàidhlig airson tòiseachairean
- Comunn na Gàidhlig [5]
- Iomairt Cholm Cille/The Columba Initiative [6]
- Sabhal Mòr Ostaig [7]
- Faclair Gaidhlig gu Beurla [8]
- Faclairean Goidelic [9]
- AmBaile.org - Baile an Dualchais na Gàidhealtachd [10] Le roinn cluichean snoga airson ionnsaichean na Gàidhlige
- Gàidhlig [11] aig Iol-theangach
- Cungaidh ionnsaichean air lìn [12]
- Àireamh-cheann na h-Alba, 2001: Gàidhlig : chiad bhuilean, le Oilleadair Coinneach MacFhionghain (2003) [13] a tha a' toirt mar ùghdarras an figear oifigeil na 58652 fileantaich agus, ma gabhaidh sinn a-staigh na daoine ag aideaachadh cumhachd a thuigsinn/leughadh/sgrìobhadh sa' Ghàidhlig, mar sin dh'fhàsadh sin 92396. - tha 'n làrach-lìn èifeachdach aig Màirt 25mh, 2005
- Oi Polloi Comhlan punc na Gàidhlig, duilleag aig Wikipedia. Duilleag dhachaigh Oi Polloi: (http://www.myspace.com/oipolloialba)
- An Clàradair dhan Iomradh dham Mhòr-dhàil na h-Alba(2003) [14]