Galldachd
'S e a' Ghalldachd àite ris nach buin a' Ghàidhlig no far nach eil è air a bhruidhinn. Ann an Alba 's e a' Ghalldachd a bh' againn gu h-eachdraidheal air taobh a deas agus oirthir an Ear na h-Alba oir cha robh an sluagh an sin a cleachdadh na Gàidhlig tuilleadh. Tha seo an aghaidh na Gàidhealtachd, an taobh a tuath, oirthir an Iar agus na h-Eileanan an Iar far an robh Gàidhlig fhathast na bu treasa chun na 20mh Linn.