Earra-Ghàidheal

roinn air taobh an iar Alba
(Air ath-sheòladh o Earra-Ghaidheal)

Is e Earra-Ghàidheal, no eàrr ('s e sin oirthir) nan Gàidheal, an ceàrn tùsail ann an Alba far an do shuidhich na Gàidheil. Mu dheireadh, dh'fhàs an tìr-imrich seo gu bhith an rìoghachd Dail Riata. Tha mòran làthairean ro-eachdraidheil ann, mar samplair aig Dùn Athad.

Earra-Ghàidheal

Tha Earra-Ghàidheal eachdraidheil a' gabhail a-staigh Earra-Ghàidheal Meadhanach, Latharna, na leth-eileanan Cinn Tìre agus Còmhall, agus na h-eileanan (Ìle, Diùra, Colbhasa, Muile, Giogha) còmhla ri Àird nam Murchan a chaidh na phàirt de Roinn na Gàidhealtachd ann an 1974.[1]

Is iad na bailtean cudromach An t-Òban, Inbhir Aora, Ceann Loch Gilb, Dùn Omhain, agus Ceann Loch Chille Chiarain.

Cruinn-eòlas

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. Local Government (Scotland) Act 1973 Schedule 1”. legislation.gov.uk. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2020.