Brian Ó hEadhra
'S e seinneadair Gàidhlig agus ceòladair a th' ann am Brian Ó hEadhara. Tha e a-nis a' cluich leis a' chòmhlan Cruinn, le Charlie McKerron agus Sandy Brechin sa chòmhlan MacKerron, Brechin & Ó hEadhra, agus mar chàraid le Fiona NicCoinnich.[1] Tha e cuideachd ag obair ann an leasachadh ealain is cultar Gàidhlig is e an-dràsta na Oifigear Ealain is Cultar aig Bòrd na Gàidhlig.
Brian Ó hEadhra | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Baile Àtha Cliath, |
Dùthaich | Poblachd na h-Èireann |
Àite-fuirich | Inbhir Nis |
Teaghlach | |
Cèile | Fionnag NicChoinnich (en) |
Foghlam | |
Cànain |
Gàidhlig Beurla Gaeilge |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair is sgrìobhaiche |
Ballrachd | Cruinn |
Beatha
deasaichRugadh Ó hEadhra ann am Baile Àtha Cliath.[2] 'S ann à St Catherine’s, Ontario a tha a mhàthair agus 's ann à Dùn na nGall, Éire, a tha athair.[2] Tha a phàrantan cuideachd nan ceòladairean.
Dh'imrich an teaghlach gu Talamh an Èisg ann an 1973 is e na bhalachan. An siud, chunnaic Ó hEadhra cultar nan Gàidheal gu dùthchasach, beò sa choimhearsnachd. Bha athar, Aidan, a' rannsachadh eachdraidh agus beul-aithris aig Oilthigh Memorial an St John’s.[2] Chruinnich Aidan beul-aithris Èireannach o Cape Shore a tha ri fhaotainn a-nis air-loidhne leis Taisce Cheol Dúchais Éireann. Thill an teaglach a Bhaile Àtha Cliath ann an 1978.[2]
Anns na 1990an, rinn e ceum ann an litreachas na Beurla agus beul-aithris Èireannach aig Colaiste Oilthigh Bhaile Àtha Cliath. Dh'ionnsaich e Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1999 far an do rinn e an Cùrsa Comais.[3]
Tha e pòsta aig Fiona NicCoinnich.
Beatha-obrach
deasaichA bharrachd air obraichean co-cheangailte ri ciùil, tha Ó h Eadhra air obair eile a dhèanamh ann an saoghal na Gàidhlig. Nam measg, bha e na oifigear leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig; rinn e clasaichean Ùlpan agus trèanadh ann an Gàidhlig; agus seirbheisean eadar-theangachaidh mar aon (Gaidhlig gu Beurla).[3]
Ceòl
deasaichBidh Brian a' seinn agus a' cluich giotàr. Bidh e a' sgrìobhadh amhrain ann am Beurla, Gaeilge agus Gaidhlig.
Chuir e air bhonn an còmhlan Anam tràth sna 1990an nuair a bha e na oileanach. Rinn iad ceithir clàran còmhla gus an do sguir iad ann an 2005.[3]
Le Cruinn, fhuair e nomination airson Best Traditional Track aig an BBC Radio 2 Folk Awards an 2015 airson an òrain 'Manus Mo Rùin'.
Ann an 2018, rinn Ó hEadhra clàr le Fiona NicCoinnich mar chàraid airson a' chiad turais. Rinn iad clàradh ann an Leòdhas is Glaschu.
Obair le ceòl
deasaichBha Ó hEadhra roimhe na Stiùiriche Ealain aig an fhèis 'Blas'.[3] Bha e na mhanaidsear aig ionad ealain Taigh Dhonnchaidh, Nis, Leòdhas.[3] Tha e a-nis na co-stiùiriche aig an fhèis Geiteberg Folk Festival ann an Nirribhidh. Bidh an fhèis a' comhrachadh cultar is ceòl bho na dùthchanan Lochlannach is Ceilteach.[3]
Clàran
deasaichle Anam
deasaich- 1994 - Anam
- 1998 - First Footing
- 1999 - Riptide
- 2000 - Tine Gheal
le Christine Primrose
deasaich- 2003 - An Turas
na aonar
deasaich- 2005 - Life
- 2011 - An t-Allt
le MacGregor, Brechin & Ó hEadhra
deasaich- 2008 - Sonas
le Cruinn
deasaich- 2013 - Cruinn
- 2014 - Stòras
le Fiona NicCoinnich
deasaich- 2018 - TÌR - Highland Life & Lore
le iomadh ceòladair
deasaich- 2007 - Dhachaigh | Home - The Murdo Macfarlane Songbook
- 2010 - The Complete Songs of Robert Tannahill - Vol 2
- 2013 - The Complete Songs of Robert Tannahill - Vol 3
- 2014 - Struileag - Children of the Smoke
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Mu/About”. brianoheadhra.com. Air a thogail 12mh dhen Dùbhlachd 2018.
- ↑ 2.0 2.1 2.2 2.3 Newton, Michael (23mh dhen t-Sultain 2018): “Interview with Brian Ó hEadhra” (Beurla). Gaelic USA. Air a thogail 12mh dhen Dùbhlachd 2018.
- ↑ 3.0 3.1 3.2 3.3 3.4 3.5 Ó hEadhra, Brian: “Dé tha dol?” (Gàidhlig). brianoheadhra.com. Air a thogail 12mh dhen Dùbhlachd 2018.
Ceanglaichean a-muigh
deasaich- brianoheadhra.com Làrach-lìn oifigeil
- Brian Ó hEadhra air Soundcloud
- Anam Communications air YouTube
- oheadhra-mackenzie.com