'S seinneadair, ceòladair agus rianadair à Alba a bha ann am Marsaili NicUalraig Fhriseal, no Marsaili Mhòr.[1]

Marsaili NicUalraig Fhriseal
Beatha
Breith Peairt, 1 dhen Dàmhair 1857
Dùthaich  Alba
Bàs Dùn Èideann, 22 dhen t-Samhain 1930
Àite-adhlacaidh The Grange (en) Translate
Teaghlach
Cèile Alexander Fraser (en) Translate
Clann
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd seinneadair, ceòl-sgrìobhaiche agus eòlaiche-ciùil
Duaisean a fhuaras
Inneal-ciùil piàno
guth

Dh'ionnsaich i seinn ann am Paris. Rian i òrain o na h-Eileanan Siar agus na h-Eileanan a-staigh a chruinneach i còmhla ri Coinneach MacLeòid à Eige do phiana is òranaiche agus dh'fhoillsich i iad san t-sreath aice, The Songs of the Hebrides, eadar 1909 agus 1922. Sgrìobh i an leabhran don opara The Seal Woman is sgrìobh Granville Bantock an ceòl.

Phòs i Alec Yule Fraser ann an 1887 ach bhàs e ann an 1890. Bha an nighean aice, Patuffa, cuideachd na seinneadair agus an mac aice, Dàibhidh MacUalraig Friseal, na mhatamataigear.[2]

Iomraidhean

deasaich
  1. BBC: Tar-sgrìobhadh: Airidh air Urram – Ethel Bassin. Air a tharraing 26 an Giblean 2016
  2. MacTutor History of Mathematics Archive, Cill Rìmhinn: David Kennedy-Fraser (Beurla). Air a tharraing 26 an Giblean 2016.

Ceanglaichean a-mach

deasaich