’S e féis bhliadhnail a tha ann am Blas a tha a’ comharrachadh cultar nan Gàidheal. Bhon a thòisich i ann sa bhliadhna 2005 tha Blas air a bhith a’ ruith fad seachdain aig toiseach na Sultaine, le cuirmean ciùil agus tachartasan air feadh na Gàidhealtachd.

Chaidh Fèis Bhlas a stèidheachadh le Comhairle na Gàidhealtachd ann an co-bhuinn ri Fèisean nan Gàidheal agus Lìonraidh Luchd-Adhartachaidh nan Ealain (PAN). Thug Comhairle na Gàidhealtachd cùmhnant do dh’Fhèisean nan Gàidheal gus obair còmhla ri PAN agus daoine eile gus an fhèis seo a leasachadh don Ghàidhealtachd.

Fhuair Blas an Duais airson Tachartas anns na Duaisean Gàidhlig ann an 2015.

Ceanglaichean a-mach

deasaich