Seasaidh NicLachlainn
B' e seinneadair à Alba a bha ann an Seasaidh NicLachlainn (no Seònaid NicLachlainn a-rèir a clach-uaigh; Beurla: Jessie MacLachlan).
Seasaidh NicLachlainn | |
---|---|
Beatha | |
Breith | An t-Òban, 18 dhen Ògmhios 1866 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 13 dhen Chèitean 1916 |
Àite-adhlacaidh | Cladh Choille Chart |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair |
Nàdar a’ ghutha | soprano |
Inneal-ciùil | guth |
Tha i ainmeil air sgàth 's gun robh i a' chiad seinneadair a ghabh òran anns a' Ghàidhlig air chlàr ann an 1899. Rugadh i ann an 1866 agus thogadh i anns an Òban agus athair dhi à Muile agus a màthair à faisg air an Òban. Nuair a bha i na deugaire ghluais i do Ghlaschu agus b' e seo far an robh i air an àrd-ùrlar airson a' chiad turais. Dh'fhàs i ainmeil agus ise a' gabhail òrain opara cuideachd - mar eisimpleir sheinn i ann an Caisteal Bhaile Mhorail anns na 1890an. Chaochail i ann an Glaschu dìreach an dèidh dhi a thilleadh bhon Fhraing anns a' Chogadh Mòr. Chaidh a tìodhlacadh ann an Cladh Cathcart ann an Glaschu.[1]
Bha iomairt anns an Dàmhair 2020 airson a clach-uaigh, a bha ann an droch stàit, a chàradh.[2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Prògram Choinnich - MacLachlan, Jessie”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 10mh dhen Lùnasdal 2023.
- ↑ Wolff, Andreas: “Iomairt airson uaigh Sheasaidh NicLachlainn a chàradh”, Naidheachdan a' BhBC. 16mh dhen Dàmhair 2020. Air a thogail 10mh dhen Lùnasdal 2023.