Christine Primrose
Tha Christine Primrose (17 an Gearran 1950 — fhathast beò) na seinneadair Gàidhlig agus na teagasgaiche òrain. Rugadh i ann an Càrlabhagh, Eilean Leòdhais, ach tha i a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach a-nis.
Christine Primrose | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Breith | Càrlabhagh, 17 dhen Ghearran 1950 |
Dùthaich |
![]() |
Foghlam | |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair agus neach-teagaisg |
Inneal-ciùil | guth |
Tha i air a bhith a' seinn bhon a bha i na nighean bheag, is mar a thuirt i fhèin ann an agallamh, 's e dìreach rudeigin nàdarrach a bh’ ann san teaghlach aice. Bhuannaich i Bonn Òir an t-Seann Nòis aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 1974 agus duais aig an Fèis Pan Celtic ann an 1978, [1] agus, ged nach robh e cumanta aig an àm sin, rinn i dreuchd den cheòl Ghàidhealach, agus tha i air a bhith ga riochdachadh air feadh an t-saoghail, gu h-àraid ann an Aimearaga a Tuath, Astràilia, Sealan Nuadh agus anns an Roinn Eòrpa. Mar eisimpleir tha i air a bhith aig an Smithsonian Folklife Music Festival ann an Washington, D.C. còmhla ri Alison Kinnaird. A bharrachd air sin, bha i ann an còmhlan-ciùil MacTalla, is bha i na preasantair air prògraman air an telebhisean agus rèidio.
San latha an-diugh tha i air aon de na seinneadairean as cliùitiche ann an saoghal na Gàidhlig agus fhathast a gabhail pàirt ann an cuirmean-ciùil bho àm gu àm. A thuilleadh air sin, tha i air a bhith ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig bho 1982, a’ bhliadhna mus do thòisich na cùrsaichean làn-ùine, na rùnaire an toiseach agus an uair sin bho 1993 a' teagasg air a' Chùrsa (BA) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta agus air na cùrsaichean goirid.
Duaisean deasaich
- Bonn Òir an t-Seann Nòis aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail 1974.
- Pan Celtic Festival 1978.
- ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba 2009.
Clàran deasaich
- Àite Mo Ghaoil (1982)
- Quiet Tradition (còmhla ri Alison Kinnaird) (1990)
- Mairidh Gaol is Ceòl, MacTalla (1994)
- 'S Tu Nam Chuimhne (1995)
- Gun Sireadh, Gun Iarraidh (2001)
- An Turas (còmhla ri Brian Ó hEadhra, 2003)