Alasdair MacIlleBhàin
'S e seinneadair Muileach a th' ann an Alasdair MacIlleBhàin.
Alasdair MacIlleBhàin | |
---|---|
Beatha | |
Breith | An t-Sàilean, |
Dùthaich | Alba |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Ghlaschu ceum dotaireachd |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd agus seinneadair |
Fastaichean | Oilthigh Ghlaschu |
Inneal-ciùil | guth |
Làithean Tràth
deasaich'S ann às an t-Sàilean ann am Muile a tha Alasdair. Bha ùidh mhòr aige san dualchas agus sna h-òrain Ghàidhlig bho aois òg.[1]
Seinn 'sa Ghàidhlig
deasaichChoisinn Alasdair MacIlleBhàin Bonn Òir a’ Chomuinn ann an Dùn Omhain ann an 2006 is e 19 bliadhna a dh’aois.[2] Tha Alasdair na òranaiche is na sgrìobhaiche-ciùil agus sgaoilteadh a chiad chlàr, 'Las', air a bheil an dà chuid òrain à sgìreachd àraich agus a chuid òrain fèin, san Dùbhlachd 2012.
Tha e air a bhith na bhritheamh cuideachd aig Mòdan ionadail agus aig a’ Mhòd Nàiseanta o 2012.[1]
A thuilleadh air nam pròiseactan ciùil, tha Alasdair na rannsaiche ann an roinn na Ceiltis is na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu an-dràsta far a bheil e a' dèanamh ollamhachd (PhD) air ainmean-àite ann an sgìre Torosaigh am Muile.[1]
Clàran
deasaich- 2012. 'Las'
- 2012. 'O Chruinneag E Chruinneag' air CD 'Guthan Eileanan na h-Alba' bho Tobar an Dualchais & Sabhal Mòr Ostaig
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 Àrd-Sgoil Thobar Mhoire Litir bho Alasdair dhan Àrd-sgoil. A' tarraing air 21 an Dàmhair 2014
- ↑ Eachdraidh-beatha Alasdair aig Struileag
Ceanglaichean a-muigh
deasaich- Alasdair MacIlleBhàin air Facebook
- Eachdraidh-beatha Alasdair aig Struileag
- Alasdair a' seinn 'Tuathal' air YouTube aig Oilthigh Srath Chluaidh
- Alasdair a' seinn 'Mo Mhàthair air YouTube