Maighread Stiùbhart
'S e seinneadair Gàidhlig a th' ann am Maighread Stiùbhart (Beurla: Margaret Stewart).
Maighread Stiùbhart | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Col Uarach, 12 dhen Ògmhios 1956 |
Dùthaich | Alba |
Ciad chànan | Gàidhlig |
Foghlam | |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair |
Inneal-ciùil | guth |
Taigh-clàraidh | Greentrax Recordings |
margaretstewart.com |
Beatha
deasaichRugadh agus thogadh Maighread ann an Col Uarach, Leòdhas.[1] 'S e Gàidhlig a' chiad chànan aice.[2] Bha i a’ fuireach thall thairis airson pàirt dha beatha; ann a' Bhenesuèla, an Canada, ann an Qatar agus 's an Ear Mheadhanach.[3]
Bha i ‘g obair air a' phròiseact Tobar an Dualchais far an robh i mar phàirt den phrìomh sgioba a bha an urra ri catalog a dheasachadh de na h-òrain a th' ann an tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba.[3] Chleachd i tasglann na Sgoile airson iomadh òran a rannsachadh agus tha cuid dhiu sin am measg nan òran a tha i seinn air na trì chlàr aice: Fhuair mi Pòg, Colla Mo Rùn agus Togaidh Mi Mo Sheòlta (2008).[4]
Seinn agus Ceòl
deasaichNuair a bha i òg, bha i dèidheil air seinn is bha òrain agus bàrdachd mun cuairt oirre sa choimhearsnachd agus am measg an teaghlach aice.[3] Bhiodh i tric a' gabhail pàirt anns na mòdan ionadail.[3]
Tha i air a bhith seinn aig iomadh fèis-chiùil ainmeil leithid Fèis Eadar-Nàiseanta Dhùn Èideann, Celtic Connections, Celtic Colours[dead link] ann an Ceap Breatainn, Piping Live, Sgoil Samhraidh Willie Clancy agus Fèis Ealain Earagail an Dùn nan Gall.[3] Tha i cuideachd air a bhith ag obair mar neach-teagaisg seinn agus na h-òraidiche aig leithid Ceòlas an Uibhist a Deas, Fèis Willie Clancy an Èirinn agus aig Sabhal Mòr Ostaig[3] far am bi i cuideachd a stiùireadh cùrsaichean goirid air cultar dùthchasach, eachdraidh agus òrain Ghàidhlig. Bha i bho àm gu àm a' teagasg ann an Sgoil Ciùil a' Phluic agus ann an Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Ann an 2012, b' i Ceòladair na Colaiste a bh' innte aig Sabhal Mòr Ostaig.[5]
Duaisean
deasaichChoisinn i am Bonn Òir aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1993 anns an Àrd Ruighe.[6]
Chaidh duais 'Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna' a bhuilealchadh orra ann an 2008.[3]
Clàran
deasaich- Fhuair Mi Pòg (le Ailean Dòmhnallach) (1998) - CDTRAX132
- Colla Mo Rùn (le Ailean Dòmhnallach) (2001) - CDTRAX217
- Togaidh Mi Mo Sheòlta (2008) - CDTRAX311
Na h-Aoigh air Clàran eile
deasaichTha Maighread a' seinn cuideachd air iomadh clàr eile na h-aoigh agus air co-chruinneachaidhean.
- Gaelic Women (Ar Cànan ‘s Ar Ceòl) (1999) - CDTRAX172
- An t-Slige Chreachain
- Òrain Nan Gàidheal - The Song Of The Gael - CDTRAX5008
- The Best Of Scottish Music Vol 2 (Greentrax 15th Anniversary) (2001) - CDTRAX215
- O Mhàiri 'S Tu Mo Mhàiri
- The Music And Song Of The Great Tapestry Of Scotland (2012) - CDTRAX372D
- Clann Dòmhnaill An Cogadh Rìgh Teàrlach
- The Scottish Diaspora: The Music & The Song (2014) - CDTRAX380
- Tha Mi Sgith 'n Fhogar Seo
- Oran a Mhetaghama
- Cuma do na Fearaibh
- Ged Tha Mi Gun Chrodh Gun Aighean
TBh
deasaichInnsean an Iar (2013)
deasaichÒrain air a sheinn le Maighread airson an t-sreath TBh aig a' BhBC Innsean an Iar
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Fiosrachadh beatha - Maighread Stiùbhart-Harding” (Gàidhlig). Tobar an Dualchais. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ “Fiosrachadh mu Mhaighread” (Beurla). margaretstewart.com. Air a thogail 4mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ 3.0 3.1 3.2 3.3 3.4 3.5 3.6 “Maighread Stiùbhart” (Gàidhlig). BBC Bliadhna nan Òran. Air a thogail 6mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ “Margaret Stewart - Togaidh Mi Mo Sheolta”. Greentrax Recordings. Air a thogail 7mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ Sabhal Mòr Ostaig (5mh dhen Ògmhios 2012): “Luchd-ealain air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig,” ann an: Cuairt-litir, leabhar Earrach 2012, td. 11.
- ↑ Dealbh: James Gunn and Margaret Stewart, Mòd Gold Medallists, 1993 ann an Aithris, Àir. 8, Samhradh 1993, d.11 (Steòrnabhagh: An Comunn Gàidhealach)
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Làrach-lìn oifigeil: margaretstewart.com
- “Stewart-Harding, Margaret, 1956-”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 11mh dhen Lùnasdal 2023.
- Duilleag aig a' BhBC le grunn òrain