Poltava
Poltava Полтава
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Poltavska Oblast | ||||
Sgìre | Poltavskiy Raion | ||||
Co-chomharran | 49° 35 22' Tuath 34° 33 05' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 103 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 283,402 (2021) | ||||
Dlùths | 2,751.48/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 532(2) | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr eadar Dnipro agus Kharkiv anns An Ucràin a th' ann am Poltava (Ucràinis: Полтава, IPA: ˈpolˈtɑwɐ). Tha e suidhichte ann an cridhe na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Vorskla, san roinn Poltavska Oblast. Tha 283,402 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile a stèidheachadh ann an 899. Rinn Khan Mengli I Giray à Crimea sgrios air a' bhaile ann an 1482. Thogadh ionad airm airson nan Cosagach ann an 1648 agus an uair sin, ann an 1650 chaidh mainistir a thogail cuideachd. Thachair batal crauidh fuilteach ann am Poltava ann an 1709, far an do chuir Peadar Mòr ruaig air feachdan na Suaine.[1] Ann an 1808 thàinig buidheann de luchd-ceàirde às A'Ghearmailt dhan bhaile agus dh'fhosgail stèisean rèile ann an 1870. Nuair a bha Poltava fo sgàile is fo bhuaidh nan Nàsach chaidh Iùdhaich a' bhaile (9.9% den t-sluagh iomlan ann an 1939) a chur dhan phrìosan ann an ghetto mus deach a mhurt ris na h-Einsatzgruppe agus a thiodhlacadh ann an uaighean mòra san sgìre.[2] Ann an 1991, thàinig Poltava gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
Eòlas-sluaigh
deasaichA rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann am Poltava a' bruidhinn (96.88%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (3.13%).[3] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann am Poltava tron 18mh Linn agus 19mh Linn, cha b' ann ach àn dèidh A' Chogaidh Mhòir a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[4] A dh'aindeoin sin, thoisich an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann am Poltava a thuiteam an dèidh 2001, nuair a bha àireamh-shluaigh a' bhaile aig an ìre na b' àirde a bha e a-riamh.
Daoine Ainmeil
deasaich- Symon Petliura (1879 - 1926): Neach-poileataigs agus neach-aithris.
- Yitzhak Ben-Zvi (1884 - 1963): Neach-poileataigs.
- Vira Kholodna (1893 - 1919): Cleasaiche.