Zaporizhzhia
Zaporizhzhia Запоріжжя
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Zaporizka Oblast | ||||
Sgìre | Zaporiskiy Raion | ||||
Co-chomharran | 47° 51 00' Tuath 35° 07 03' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 334 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 722,713 (2021) | ||||
Dlùths | 2,163.81/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 612 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Ainmeil |
'S e baile mòr faisg air Dnipro agus Melitopol anns An Ucràin a th' ann am Zaporizhzhia (Ucràinis: Запоріжжя, IPA: zɐpoˈr⁽ʲ⁾iʒːɐ). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Dnipro, san roinn Zaporizka Oblast. Tha 722,713 duine a' fuireach ann.
Freumh-fhaclachd
deasaich'S ann às an abairt Ucràinis за порогами (Gàidhlig: Seachad air a' bhras-shruth) 's a tha an t-ainm, leis gu robh bras-shruth air an Abhainn Dnipro an seo mus deach an loch-tasgaidh a thogail.
Eachdraidh
deasaichThog Dmytro Vyshnevetsky daingneach fiodha air eilean san abhainn air a bheil Khórtytsya an seo ann an 1552. B' ann fo bhuaidh Impireachd nan Otomanach agus a chuid Tataraich 's a bha an t-aite eadar 1711 agus 1739. Chaidh am baile fhèin a stèidheachadh ann an 1770 mar dhaingneach agus chanadh Aleksandrovsk/Oleksandrivsk ris gu ruige 1921. Bha an Drochaid an seo air leth cudromach aig àm Cogadh Sìobhalta na Ruise, agus i a' giùlan shaighdearan, armachd, daoine leòinte agus stuth meidigeach. Air sgàth na drochaid seo, bha sabaid dhoirbh ann mu timcheall air Alexandrovsk bho 1918 gu 1921 eadar an t-Arm Dearg agus na feachdan Geala.[1] Ann an 1991, thàinig Zaporizhzhia gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Chaidh am baile a bhomadh ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin ann an 2022.
Daoine Ainmeil
deasaich- Boris Ivchenko (1941 - 1990). Cleasaiche agus stiùiriche fhilmichean.[2]
- Larysa Golyk (1958). Peantair agus dealbhadair.
- Liudmyla Suprun (1965). Neach-poileataigs.
Eòlas-sluaigh
deasaichA rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ruisis (56.83%) a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Zaporizhzhia a' bruidhinn, ged a tha mion-chuid ann le Ucràinis (41.64%) cuideachd.[3]