Kramatorsk (Donetska Oblast)
Kramatorsk Крамато́рськ
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Ceàrn | Donetska Oblast | ||||
Sgìre | Kramatorskiy Raion | ||||
Co-chomharran | 48° 44 21' Tuath 37° 35 03' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 117.1 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 150,084 (2021) | ||||
Dlùths | 1,281.67/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 626(4) | ||||
Duilleag oifigeil | https://krm.gov.ua/ |
'S e baile mòr eadar Donetsk agus Kharkiv anns An Ucràin a th' ann an Kramatorsk (Ucràinis: Крамато́рськ, IPA: krɐmɐˈtɔrʲsʲk). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Kazenyi Torets, san roinn Donetska Oblast. Tha 150,084 duine a' fuireach ann.
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile a stèidheachadh ann an 1868, nuair a thogadh stèisean rèile tron sgìre. Ann an 1991, thàinig Kramatorsk gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Bhomaich feachdan na Ruise an stèisean air 8 an Giblean 2022 le boma Tochka-U, ri linn Ionnsaigh na Ruise air an Ucràin. Chaidh 57 duine a mharbhadh agus bha 109 duine eile air an goirteachadh.[1] Bhuinneadh àireamh a' bhoma gu sreath bhomaichean a chleachd na Ruiseanaich ann an Siria.
Eòlas-sluaigh
deasaichA rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ruisis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Kramatorsk a' bruidhinn (63.4%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis cuideachd (36.0%).[2] Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Kremenchuk tron 20mh Linn, cha b' ann ach an dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh.[3] A dh'aindeoin sin, tha an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann an Kramatorsk air thuiteam fad na 21mh Linn.
1923 | 1926 | 1939 | 1959 | 1970 | 1979 | 1989 | 2001 | 2005 | 2016 |
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
6.476 | 12.305 | 94.114 | 115.385 | 149.832 | 178.163 | 198.094 | 181.025 | 174.892 | 159.445 |
Daoine Ainmeil
deasaich- Yakiv Pohrebniak (1928 - 2016): Neach-poileataigs.
- Neda Nezhdana (1971): Bàrd agus neach-aithris.
- Natalia Veselnitskaya (1975): Neach-lagha.