'S e seinneadair Ucràineach a th' ann an Susana Jamaladinova (Ucràinis: Сусана Джамаладінова; Tatarais a' Chriom: Susana Camaladinova). Air an àrd-ùrlar tha i a' cleachdadh an t-ainm Jamala (Ukrainian: Джамала, Tatarais a' Chriom: Camala). Ann an 2016 bhuannaich i an Eurovision Song Contest 2016 ann an Stockholm leis an òran "1944".[1]

Jamala
Beatha
Ainm slàn Сусана Алімівна Джамаладінова
Breith Osh (en) Translate, 27 dhen Lùnastal 1983
Dùthaich  An Ucràin
Foghlam
Foghlam Petro Tchaikovsky National Music Academy of Ukraine (en) Translate
Cànain Ucràinis
Crimean Tatar (en) Translate
Beurla
Ruisis
Kyrgyz (en) Translate
Turcais
Dreuchd
Dreuchd seinneadair opara agus sgrìobhaiche òran
Obraichean comharraichte 1944 (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Gnè ealain Jazz
ceòl soul
electro (en) Translate
ceòl pop
ceòl folk
Nàdar a’ ghutha soprano
Inneal-ciùil guth
Taigh-clàraidh Moon Records Ukraine (en) Translate
Enjoy! Records (en) Translate
Universal Music Group (mul) Translate
Comp Music (en) Translate
Creideamh
Creideamh Ioslam
IMDb nm5785645
jamalamusic.com, jamalamusic.com agus jamalamusic.com

A beatha

deasaich

Rugadh i 27 an Lùnasdal 1983 ann an Osch ann an Cìorgastan. Thogadh i an seo air sgàth 's gun deach an teaghlach aice fhuadach bhon a' Chriom gu Meadhan Àisia le Iosif Stalin. An dèidh briseadh an Aonadh Sovietaich ann an 1991 ghluais iad air ais gu Aluschta ann an ceann a deas leth-eilean a' Chriom.

Bha i daonnan deidheil air ceòl. Rinn i a' chiad chlàraidh nuair a bha i naoi bliadhna a dh'aois, is a' seinn òrain cloinne dualchasach ann an Tatarais a' Chriom. Chaidh i gu colaiste ceòl ann an Simferopol Music College agus rinn i ceum ann am Petro Tchaikovsky National Music Academy of Ukraine ann an Kyiv. Fhad 's a bha i na oileanach bha i gu làidir ri buidhnean cultarach Tatarais ann an Kyiv is a' gabhail òrain le a piuthar Venera aig cuirmean-ciùil. Tha na h-òrain aice a' gabhail a-steach eileamaidean jazz, soul, Blues a cheart cho math ri ceòl clasaigeach agus opra.

An t-òran "1944"

deasaich
 
Jamala ann an ruith-thairis co-fharpais Eurovision 2016.

Tha tiotal an òrain "1944" ceangailte leis a' bhliadhna far an deach na Tataraich às a' Chriom fhuadach bhon dachaigh aca gu Meadhan Àisia le Josef Stalin. San fhuadachadh chaochail nighinn a sinn-seanmhar agus chaidh a corp a thilgeil a-mach as an trèana dìreach "mar sgudail". [2][3] Tha a' sheist stèidhichte air na faclan a chuala Jamala bho a sinn-seanmhair mun tachartas seo agus tha i ann an Tatarais a' Chriom [4] 'S e sin a' chiad turais gus an cànan seo a chluinntinn ann an co-fharpais Eurovison. Ann an teacsa an òrain tha Jamala a‘ toirt na cuimhne mu chall a beatha òigridh fad air falbh bhon dùthaich aice fhèin. Chaidh an t-òran a chruthachadh leis an seinneadair fhèin.

Goirid an dèidh taghadh an òrain seo airson a' cho-fharpais thuirt cuid den luchd-poilitigs às an Ruis gun cleachdar an t-òran seo ann an dòigh phoilitigeach an aghaidh na Ruise: "capitalising on the tragedy of the Tatars to impose on European viewers a false picture of alleged harassment of the Tatars in the Russian Crimea".[5] Ged-tà, a rèir riaghailtean a' cho-fharpais chan eil teacsaichean le susbaint poilitigeach ceadaichte.[6][7] Ann an 9 am Màrt chaidh a dhearbhadh nach e cainnt phoilitigeach a tha anns an teacsa seo, agus chan eil e a' briseadh riaghailt sam bith dhen cho-fharpais Eurovision.[8]

Thuirt Jamala fhèin ann an agallamh:

This song really is about my family, my grandmother. I had to write it. It is a memorial song and it is difficult for me to sing it.[9]

Iomraidhean

deasaich
  1. Eurovision Song Contest: Ukraine's Jamala wins competition BBC News (Beurla). Air a tharraing 15 an Cèitean 2016
  2. Reuters ( 22 an Gearran 2016) Ukraine's Eurovision song mourns Moscow purge of Crimean Tatars (Beurla) Air a tharraing 15 an Cèitean 2016
  3. Die Welt Die Krimtatarin, die Russland mit Musik provoziert (Gearmailtis). Air a tharraing 15 an Cèitean 2016
  4. Halpin, Chris (8 an Gearran 2016). "1994 Lyrics – Jamala (Ukraine, Eurovision 2016)". Wiwibloggs. Retrieved 15 an Cèitean 2016. {{cite news}}: Check date values in: |accessdate= and |date= (help)
  5. Russia MPs slam Ukraine's choice of Crimean Tatar for Eurovision, Yahoo News (23 an Gearran 2016)
  6. Times Union: Ukraine picks Crimean Tatar for Eurovision (Beurla) Air a tharraing 15 an Cèitean 2016)
  7. BBC News (22 an Gearran 2016)Eurovision: Ukraine's entry aimed at Russia (Beurla) Air a tharraing 15 an Cèitean 2016
  8. "The Ref. Group concluded that the title & lyrics of the song don't contain political speech and don't breach @Eurovision Rules". European Broadcasting Union. Retrieved 15 an Cèitean 2016. {{cite web}}: Check date values in: |accessdate= (help)
  9. The Guardian Crimean singer in line to represent Ukraine at Eurovision (Beurla) Air a tharraing 15 an Cèitean 2016

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: