Kharkiv
Ха́рків
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Ceàrn Kharkivska Oblast
Sgìre Kharkivskiy Raion
Co-chomharran 49° 59 39' Tuath
36° 11 16' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 3.226 km²
Àireamh-shluaigh 1,745,734 (2021)
Dlùths 541,145.07/km²
Àireamh fòn + 380 542
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr faisg air Sumy agus Poltava anns An Ucràin a th' ann an Kharkiv (Ucràinis: Ха́рків, IPA: ˈxɑrkiu̯). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Lopan, san roinn Kharkivska Oblast. Tha 1,745,734 duine a' fuireach ann.

Eachdraidh deasaich

Chaidh Kharkiv a stèidheachadh ann an 1654 mar dhaingneach.[1] Bhuinneadh am baile dhan roinn Slobozhanshchyna anns na 17mh Linn agus 18mh Linn, air crìochan a deas Iompaireachd na Ruise. Rinn am peantair Emmanuel Mané-Katz taisbeanadh ann an Kharkiv ron Chogadh Mhòr.[2] Ann an 1991, thàinig Kharkiv gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Nuair a thug na Ruiseanaich ionnsaigh air an Ucràin ann an 2022, bha Kharkiv na làrach far an robh sabaid throm ann eadar feachdan na h-Ucràine agus Arm na Ruise. Air 27 an Gearran, 2022 thuirt Oleh Synyehubov, riaghladair Kharkiv Oblast, gun do chuir na h-Urcàinich ruaig air saighdearan na Ruise. Thuirteadh gu robh Blàr Kharkiv a-measg nan cathan as fuiltiche, marbhtaiche san ionnsaigh, agus gu robh e uabhasach coltach ri Blàr Stalingrad.[3]

Eòlas-sluaigh deasaich

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ruisis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann am Kharkiv a' bruidhinn (66%), ged a tha mion-chuid ann le Ucràinis cuideachd (44%).[4]

Daoine Ainmeil deasaich

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Ukrainian Week
  2. Alfred Werner: Mané-Katz. Massadah Publishing, Tel-Aviv, 1970, ISBN 0-902291-37-8
  3. AP News
  4. Ukcensus

Ceanglaichean a-mach deasaich